Seumas II Alba
Coltach ri iomadach fear (agus tè) dhe na rìghrean Stiùbhartach, ghairmeadh rìgh dheth Seumas II na naoidhean (chaidh athair Seumas I a mhurt le uaislean), agus cha do dh'fhàg e ach naoidhean às a dhèidh.
Seumas II Alba | |||
---|---|---|---|
21 dhen Ghearran 1437 - 3 dhen Lùnastal 1460 ← Seumas I, Rìgh na h-Alba - Seumas III Alba → | |||
Beatha | |||
Breith | Abaid Taigh an Ròid, 16 dhen Dàmhair 1430 | ||
Dùthaich | Rìoghachd na h-Alba | ||
Bàs | Rosbrog, 3 dhen Lùnastal 1460 | ||
Àite-adhlacaidh | Abaid Taigh an Ròid | ||
Nàdar a’ bhàis | accidental death (en) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Seumas I, Rìgh na h-Alba | ||
Màthair | Joan Beaufort | ||
Cèile | Mary of Guelders (en) (3 dhen Iuchar 1449 (Gregorian) - | ||
Clann |
liosta
| ||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Fine | Taigh nan Stiùbhartach | ||
Foghlam | |||
Foghlam | Oilthigh Chill Rìmhinn | ||
Cànain | Beurla | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||
Creideamh | |||
Creideamh |
Eaglais Chaitligeach Caitligeachd |
Chaidh a mharbhadh, gun e ach 29 bliadhna a dh'aois, aig sèiste Caisteal Rosbruig (a bha an sealbh Shasainn aig an àm) ann an 1460, nuair a sprèidh fear dhe na gunnaichean-mòra, air an robh e cho measail, ri thaobh.[1] Chaidh fhàisnicheadh nach tuiteadh an caisteal ach do mharbh. Chithear fhathast craobh-chuilinn a' fàs, a chaidh a chur airson an dearbh àite a chomharrachadh; tha a' chraobh seo a-nis air fearann Caisteal Floors ann an Cealsach.[2]
Iomraidhean
- “Scotland's History - James II, King of Scots”. BBC. Air a thogail 3s dhen Lùnasdal 2018.
- “Floors Castle, Holly Tree”. Canmore, Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 3s dhen Lùnasdal 2018.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.