Sequamur (dealbh-chluich)

'S e dealbh-chluich Gàidhlig a th’ ann an Sequamur.

Sgrìobhadh e le Dòmhnall S Moireach.

Tha an dealbh-chluich stèidhichte air fiosrachadh fìor agus tha e a' toirt iomradh air beatha an neach-foghlaim Leòdhasach, Uilleam Gibson, agus mun stiùireadh brosnachail a thug e dha iomadh òigear Innse Gallach airson an sgoil fhàgail agus a dhol dhan chogadh ann an 1914. 'S e facal-suaicheantais Sgoile MhicNeacail 'Sequamur' a tha a' ciallachadh 'Leanamaid'.[1]

'S e dealbh-chluich ioma-mheadhan a bh' ann agus e a’ tarraing còmhla ceòl agus earranan film a tha a’ toirt sealladh air sabaid agus air meòrachaidhean nan saighdearan. Aig deireadh gach tachartas, chaidh liosta cuimhneachail urramach a chur suas air sgrion le ainm nan saighdearan on sgìre sin a thuit san An Cogadh Mòr.

Chaidh an dealbh-chluiche air Cuairt Nàiseanta ann an 2015.

LÀITHEAN

B’ e Iain MacRàth an stiùiriche, agus b’ iad na cleasaichean:

  • Daibhidh Walker (Uilleam I Gibson)
  • Donna Mhoireasdan (Mary Gibson, Mairead, Seònaid agus Mrs Finlayson)
  • Aonghas Pàdraig Caimbeul (Iain MacRath, Peutanach, Baimbeulach, Saighdear gun ainm 2)
  • Iain Beggs (Finlayson, Saighdear gun ainm 1)
  • Seàn MacLeòid (Morrison, Paterson)
  • Aonghas MacNeacail (Pìobaire)

Iomraidhean

  1. Làrach-lìn oifigeil Sgoil MhicNeacail”. Air a thogail 10mh dhen t-Sultain 2017.

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.