Seillean
Tha an seillean na mheanbh-fhrìde sgiathach aig am bheil dlùth-cheangail ri connspeachan agus seanganan. Tha mu 20 000 seòrsaichean foillsichte de sheilleanan air feadh an t-saoghail ann an 9 teaghlaichean aithnichte. Gheibhear air feadh na cruinne iad, ach a-mhàin Antarctica.
Seillean | |
![]() | |
Seillean (Apis mellifera) | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Arthropoda |
Clas | Insecta |
Òrdugh | Hymenoptera |
Gèineas | Anthophila |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Apiformes Denis Brothers (1975) | |
Tha 18 diofar sheòrsaichean de sheillean ri lorg ann an Alba. Tha iad uile ag ithe poilean agus neactar bho fhlùraichean. Tha iad cudthromach gus bàrr agus flùraichean fhiadhaich a phoileanadh. Ann am Breatainn ge-tà, tha àireamh nan seilleanan a' sìor lùghdachadh ri linn 's gum bheil pàircean feòir, boglaichean agus callaidean a' fàs tearc. Chan urrainn don t-seillean thighinn beò gun fhlùraichean.
An Seillean Mòr Buidhe (Bombus Distinguedas)
'S e an seillean mòr buidhe a th' anns a' chunnart as motha san àm seo. B' àbhaist gun robh iad rim faotainn air feadh Bhreatainn gu lèir ach a-nis chan fhaighear lorg orra ach ann an Alba - anns na h-Eileanan Siar, Sealltainn, Arcaibh agus cladach an iar-thuath. Gheibhear an fheadhainn a tha a' mairsinn beò air croitean agus tèarmainn nàdair. 'S e an rud as motha a nì feum dhan t-seillean mhòr bhuidhe gum bheil blàthan pailt eadar a' Chèitean agus an t-Sultain gu h-àraidh an t-seamrag dhearg fiatghal agus an cnapan dubh. Gheibhear na flùraichean seo air croitean air machair am bitheantas, mar eisimpleir, air machair Uibhist.[1]
Saoghal an t-seillein
Tha ban-rìgh anns gach sgeap, a' riaghladh agus a' cumail òrduigh am measg nan seilleanan. Cha leum sgeap mur falbh i air an ceann, agus ma gheibh i bàs fàsaidh na seilleanan mall nan obair, agus thèid iad mu dheireadh gu neoini.
Tha trì seòrsa sheilleanan a' gabhail còmhnaidh anns gach sgeap; 's iad sin na seilleanan òga; na seilleanan dìomhain, agus a' bhan-rìgh.
Rè an t-samhraidh tha na seilleanan òga ro-ghnìomhach, a dhèanamh suas chìrean agus gan lìonadh le mil; ach tha na seilleanan dìomhain a' fantainn an còmhnaidh san sgeap, agus ag òl na meala a tha a' chuid eile a' tional. Obraichidh an seillean gu dìcheallach air feadh an t-samhraidh chum gum bi pailteas aige air feadh a' gheamhraidh.
Aig deireadh an t-samhraidh, nuair a tha a' chìr-mheala làn, agus an obair thairis, tha na seilleanan dìomhain air an tilgeadh a-mach le càch bhon sgeap, agus air am marbhadh, no air am fàgail gu bàsachadh le fuachd agus le gort.
Anns an earrach, tha a' bhan-rìgh a' tighinn a-mach bho chadal a' gheamhraidh an dèidh dhith bhith ri cuplachadh rè an t-samhraidh. Ithidh i poilean, agus neactar bho fhlùraichean mar blàth an t-seilich, bròg na cuthaige agus an fheanntag bhàn. An uairsin, leumaidh an sgeap gu lèir le a' bhan-rìgh air an ceann a' siubhal gu ruige ionad dorch tioram. Ma dh'fhaoidte gun gabh iad sealbh air seann toll radain. Tha caochladh ann an àireamh nan seilleanan a tha an còmhnaidh anns an nead, no sgeap; ach 's dualtach dha bhith a' fàs gus am bi còrr is ceud seilleanan-obrach ann ro thoiseach an t-samhraidh. Togaidh iad ban-rìgh ùr agus seilleanan fireann mus fàg iad an nead airson cuplachadh. Thig bàs air an t-seann bhan-rìgh as t-fhoghar agus air na seilleanan eile uile mar an ceudna ri linn an t-sìde fhuar. Grodaidh an seann nead an uairsin.
An Seillean ann am bàrdachd
Tha an seillean a' faotainn molaidh mòr bhon bhàrd, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, a rinn òran don t-samhradh.
"'S e gu striteach, riabhach, ciar-cheannach
Breac buidhe, stiallach, srian-bhallach,
Gobach, dubhanach, riasgach, iargalta,
Ri gnìomh gu dian mar thuathanach." [2]
Iomraidhean
- Dualchas Nàdair na h-Alba
- Mac-Talla, Lùnastal 18, 1894Teamplaid:Fix/category