Seabhag

Tha eun mòr a bhios ag ithe eòin eile 's beathaichean beaga a tha anns an seabhag (Falco peregrinus). Tha iad ainmeil gu h-àraidh air mar cho luath sa bhios iad a' sgeith. Gu dearbh 's ann leis a luaths a bhios iad a' sealg. Bith iad a' sgeith sìos aig astar mòr air a cobhartach.

Seabhag
Seabhag aig nead
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Aves
Òrdugh Falconiformes
Teaghlach Falconidae
Gèineas Falcon
Spèiseas F. peregrinus
Ainm saidheansail
Falco peregrinus (Tunstall, 1771)
Ainmean eile
Falco atriceps (Hume)

Falco kreyenborgi (Kleinschmidt, 1929)
Falco pelegrinoides madens (Ripley & Watson, 1963) Rhynchodon peregrinus (Tunstall, 1771)

Falco peregrinus
Falco peregrinus madens

Gob gu earball, bith iad eadar 35 's 50 cm de dh'fhaide agus bith leud a sgiathan eadar 80 's 120 cm. Thèid cuideam nam fireannach eadar 440 's 750 g agus cuideam nam boireannach eadar 910 's 1500 g.

Thathar ag ràdh gur i an t-seabhag beathach as luaithe a th' ann, 's gum bi iad comasach sgeith a-nuas cho luath ri 320 km/h.[1]

Faileasan seabhaige air iteag àbhaisteach (làimh chlì) agus air iteag a-nuas aig astar

Iomraidhean

  1. Hayward, Ian (29mh dhen Ghearran 2008): How fast can the peregrine falcon fly?”. RSPB. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2020.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.