Sathara an Iar

'S e dùthaich fo smachd Mharoco 'san iar-dheas Afraga a tha ann an Sathara an Iar, [1], ainm eile: Sahàra an Iar[2][3] neo an Sahara Siar[4] (Beurla: Western Sahara, Arabais: الصحراء الغربية, eadar-litreachad: al-Ṣaḥrā' al-Gharbīyah; Spàinntis: Sahara Occidental).

Tha crìochan aice 'sa tuath le Maroco, san earra thuath le Aildiria agus 'san earra-dheas le Moratainia. Tha e suidhichte aig a’ Chuan Siar. Tha an cuid as motha den dùthaich a’ gabhail a-steach fàsach. 'S e El Aaiún am prìomh-bhaile aice.

Tha Sathara an Iar air liosta nan Dùthchannan Aonaichte a-mach o na 1960an. Roimhe sin bha Sathara an Iar na colonaidh Spàinnteach agus an uair sin (1975-76) pàirt de Mharoco. Tha iad ag iarraidh neo-eisimeileachd.

Eachdraidh

Chaidh Sathara an Iar na mhòr-roinn na Spàinnte ann an 1934. Thagair Maroco e aig neo-eisimeileachd ann an 1957 agus fhuair na Marocanaich Sathara an Iar an sàs às an Spàinn ann an 1975 agus an t-Seanalair Franco a' bàsachadh. Shabaid Fronta Polisario an aghaidh Maroco gu ruige 1991 nuair a stiùirich an DA fois-losgaidh. Rinn Maroco còrdadh air reifreann air neo-eisimeileachd ach cha robh reifreann sam bith bho 1991.[5]

Gailearaidh

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  3. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  4. Dùthchannan aig SMO
  5. Western Sahara profile”, BBC News. 31mh dhen Fhaoilleach 2023. Air a thogail 4mh dhen Dàmhair 2023. 
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.