Sìonais
‘S e sreath dhe cànan a bhuineas uile gu lèir dhan teaghlach Sìono-tibeatanach a th’ ann an Sìonais.[1] Ged a tha a’ mhòr-chuid dhe na daoine anns an t-Sìona dhen bheachd gur e dìreach aon chànan le mòran dualchainnt a th’ ann, tha na diofaran eatorra coltach ris na diofaran eadar Gàidhlig is Gaeilge, neo Portagailis is Spàinntis.[2] A dh’aindeoin sin, chan eil an cànan sgrìobhte air atharrachadh idir cho luath an taca ris an teanga beò, is le sin tha i fhathast uabhasach co-ionnan air feadh na dùthcha. Feumar a ràdh gur e Sìonais Mandairinis oifigeil a thathar a’ sgrìobhadh, a’ leughadh is ag ionnsachadh. Chan e am foirm sin neo-phàirteil an coimeas ri buill eile an teaghlaich sin. A thuilleadh air sin, tha Cantonais agus Mǐn gan sgrìobhadh ann an dòigh eile, air sàilleabh gu bheil gràmar agus faclan eadar-dhealaichte aca.
汉语/漢語/华语/華語/中文 Sìonais | ||
---|---|---|
Fuaimneachadh | Hànyǔ/Huáyǔ/Zhōngwén | |
Far a bheil i 'ga bruidhinn | ||
Luchd-labhairt iomlan |
1,300,000,000 | |
Teaghlach-chànan |
Sìono-Tibeatanach
| |
Siostam-litreachaidh | Caractaran Sìonach | |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | Sìona, Taiwan, Siongapòr | |
'Ga riaghladh le | PRC | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | zh | |
ISO 639-2 | chi | |
ISO 639-3 | zho | |
Rangachadh
Mar as trice, bithidh an teaghlach Sìonais air a rangachadh sna roinntean a leanas:
- Mandairinis (air a bhruidhinn ann am Beijing agus Sìne mu Thuath)
- Wu (a' gabhail a-staigh Shanghaidheis)
- Gan
- Xiang
- Min (a' gabhail a-staigh Hokkien, Taidh-bhànais, agus Teochew)
- Hakka (air a bhruidhinn ann an Guangdong, Hong Kong, agus Taidh-Bhàn)
- Yue (a' gabhail a-staigh Cantonais agus Taishanais)
Feumar a ràdh gu bheil mòran de na cànain seo air an roinneadh fhèin ann am mòran dualchainntean difirite, a tha gu tric do-thuigsinn a-rèir a chèile.
Tha cànan oifigeil na Poblachd Sìneach steidhichte air dualchainnt Mandairinis Beijing. Tha Cantonais oifigeil ann an Hong Kong.
Sgrìobhadh
Tha ceart-sgrìobhadh Sìonais a' cleachdadh charactaran, gach fear air a sgrìobhadh ann am bocsa mac-meanmnach den aon mheud, agus leis an aon bheàrn eadar gach caractar. Chan eil beàrn àraidh ann eadar "faclan".
Rachadh a sgrìobhadh gu tradiseanta ann an colbhan, leis an òrdugh bàrr gu bonn, deas gu clì. Tha an òrdugh sin air a ghleidheadh nise airson rudan culturach a-mhàin agus tha a' mhòr-chuid de Sìonais sgrìobhte coltach ris na cànain Eorpach: ann an sreathan, clì gu deas, bàrr gu bonn.
Sa mhòr-chuid, bithidh gach caractar air a labhairt fa leth, gun ana-bhuille no atharrachadh co-theacsail, ged a tha conadal no dhà ris an riaghailt sin.
Gu h-oifigeil ('s e sin, ann am foghlum, riaghaltas, agus a' chuid as motha de leabhraichean is paipearan naidheachd), bithidh gach ball an teaghlaich air a sgrìobhadh anns an aon chruth ach air a bhruidhinn a-rèir riaghtailtean cànanach a' chànan fhèin.
Seo mar a thathar a' sgrìobhadh agus ag ràdh Tha e an seo ann an trì cànain Sìonais:
Cànan | Sgrìobhadh foirmeil | Dòigh-làbhairt | Sgrìobhadh Dùthchasach | Dòigh-làbhairt |
---|---|---|---|---|
Mandairinis | 他在這裡 | Tā zài zhèlǐ | ------ | ------ |
Cantonais | ------ | Tà joih jeh léuih | 佢喺呢度 | Kéuih hái lì-douh |
Hakka | ------ | Ta choi nyia li | 渠在這位 | Gi choi nyia wui |
Seo bun-bheachd neònach ri luchd-labhairt nan cànain Eorpach. Mar eisimpleir, beachdamaid nan robh Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Eireann air an dealachadh gu dà chainnt difirte (mar a thachair) ach gun do chum iad orra a' cleachdadh an aon chruth sgrìobhte, agus le làmh-an-uachdair cànanach aig na h-Eireannaich (mar a th' aig Mandairinis):
Seach a bhith sgrìobhadh:
Conas atá tú?
agus
Ciamar a tha thu?
sgrìobhadh an dà chànan:
Cá ionnas a tá tú?
o chionn' s gun tàinig conas < cá + ionnas.
Bhitheadh na h-Eireannaich a' labhairt "Conas atá tú?" mar a tha iad a-nis, ach bhitheadh na h-Albannaich ag ràdh rudeigin mar
Cia ionnas a tha thu?
faclan Eireannach le blas Albannach. Cha sgrìobhadh iad "Ciamar a tha thu" ach ann am foillseachain culturach agus conaltradh neo-fhoirmeil.
Sin suidheachadh nan cànain Sìonais.
Tha dà shiostam sgrìobhaidh ann – caractaran air a bheil an t-ainm "tradiseanta" agus caractaran simplichte. Chaidh na caractaran simplichte a chruthachadh ann an Sluagh-phoblachd na Sìne sna 1950an gus litearrachd an t-sluaigh a dh' adhartachadh. Bithear a' cleachdadh nan caractaran tradiseanta ann an Hong Kong agus Taidh-Bhàn fhathast.
Fon-eòlas
Suaimean
Bithidh na cànain Sìneis a' cleachdadh suaimean gu fòineimeach, 's e sin a dhealachadh ciall fhaclan, an coimeas ri cànain Eorpach far a bheil suaimean a' seaghachadh faireachdainnean.
Mar eiseimpleir:
- 湯 tòng – brot
- 燙 tong – iarannaich
- 糖 tòhng – siùcar
Tha ceithir suaimean diofraichte ann an Maindairinis ach tha sia (ann an Hong Kong) no seachd (gu tradiseanta) ann an Cantonais, cànan le stòras fuaimneachail as beartaiche.
Co-fhuaimearean
'S e feart sònraichte nan cànain Sìneis cho cumanta agus a tha co-fhuaimearan, 's e sin caractaran le ciall agus dòigh-sgrìobhaidh difirte ach dòigh-labhairt co-ionnan. Mar eisimpleir, chunnaic sin gu bheil 糖 tòhng a' ciallachadh siùcar ann an Cantonais. A bharrachd air sin, tha
- 唐 tòhng – tàinistearachd nan Tang ("Sìneach", gu meataforach)
- 堂 tòhng – talla
- 塘 tòhng – uchdan-tuile
Tha an suidheachadh seo nas aibhsiche ann an Maindairinis, a th' air mòran de na crìoch-fhaclan a bh' ann an Sìneis Meadhanach a chall.
Mar eisimipleir, ged a tha 心 xin (cridhe) agus 新 xin (ùr) nan co-fhuaimearan ann an Maindairinis, 's iad 心 sàm agus 新 sàn na co-ionnanan an Cantonais.
Uaireannan, ge tà, tha an suidheachadh an dòigh eile mun cuairt. Tha an aon dòigh-labhairt aig 黃 wòhng (buidhe) agus 王 wòhng (rìgh) ann an Cantonais, ach 's de 黃 huáng agus 王 wáng a th' ann an Mandairinis.
Gràmar agus Morf-eòlas
'Se òrdugh nam faclan ann an seantansan cùisear-gnìomhair-cuspair.
Tha na cànain Sìneis sgaoilte (analytic) an coimeas ri cànain a tha co-churach (synthetic). Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad a' cleachadh co-chàradh – òrdugh fhaclan – seach morf-eòlas – gu h-àraid atharrachaidhean gu faclan.
Mar eisimpleir, chan eil tràth, guth, no modh aig gnìomhairean agus chan eil àireamh (aonar no iolra) aig ainmearan.
Cuideachd, chan eil altan ann. Air an laimh eile, tha gnethean de fhaclan ann gun co-ionnan anns na cànain Eorpach, mar seòrsaichearan agus mìrean neartmhòr.
Ceanglaichean a-mach
Iomraidhean
- David Crystal, The Cambridge Encyclopedia of Language (Cambridge: Cambridge University Press, 1987) , p. 312
- Sino-platonic