Sìobhaltas nam Maya

B' e sìobhaltas a nochd ann an Guatamala agus Meagsago an ear timcheall air 2000–1000 RC agus a thuit aig na Spàinntich anns an 16mh a bha ann an Sìobhaltas nam Maya.

Chleachd iad reul-eòlas airson mìosachan a chruthachadh agus sgrìobh iad cinn-là le dealbh-sgrìobhadh. Tha ceithir cuairtean anns a' mhìosachan: an Haab, am bidh a' riochdachadh na bliadhna ghrianail le 365 làithean ann an 19 mìosan, an Tzolk'in le 260 làithean airson deas-ghnàthan, Cuairt a' Mhìosachan, anns an deach an Haab agus an Tzolk'in a chur ri chèile airson cuairt le 52 bliadhna, agus an Cunntas Fada anns a bheil 1,872,000 latha. Thòisich an Cunntas Fada a-rithist 21 an Dùbhlachd 2012.[1]

Ceannsachadh

Thàinig Francisco Hernández de Córdoba gu Yucatan ann an 1517 agus bhàsaich e an dèidh do shabaid an aghaidh nam Maya. Eadar na 1520an agus na 1540an cheasnaich Pedro de Alvarado mu dheas agus Francisco de Montejo mu thuath na Maya. Chaidh iad iompachadh gu Crìostachd o 1545. Loisg Diego de Landa a h-uile leabhar aig na Maya ann an 1562 ann an auto-da-fé. Sgrìobh na Maya àrd-tìreach Popol Vuh anns an aibidil Ròmanach agus na Maya ìosal-tìreach Chilam Balam.[2]

Iomraidhean

  1. The Calendar System”. Living Maya Time. Smithsonian Institute. Air a thogail 29mh dhen t-Samhain 2023.
  2. Maya Area, 1400–1600 A.D.”. Heilbrunn Timeline of Art History. Metropolitan Museum of Art, Eabhraig Nuadh. Air a thogail 29mh dhen t-Samhain 2023.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.