Ros Maircnidh

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Ros Maircnidh[1][2] no Ros Mhaircnidh [3] (Beurla: Rosemarkie). Tha am baile suidhichte air Linne Mhoireibh. Chithear Dùn Deòrsa bhon an seo. Tha e mu mhìle air àird an ear na Cananaiche agus mu 12 mìltean air àird an ear-thuath Inbhir Nis. Tha e anns an t-siorrachd traidiseanta Siorrachd Rois.

Ros Maircnidh

Ros Maircnidh
Suidheachadh
Ros Maircnidh is located in Alba
Ros Maircnidh
Ros Maircnidh (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Ros an Ear
Co-chomharran 57° 35′ 29.83″ T
4° 6′ 54.58″ I
Comharradh-clèithe NH736577
Feartan fiosaigeach
Còd-puist IV10 8

Ann an 2001 bha 608 duine a' fuireach an seo. [4]

Còmhla ris a' Chananaich tha raon-goilf aige.

Clach Chruithnis ann an Groam House

'S e aon de na àitichean as ainmeil airson chlachan Chruithnis às an 8mh no 9mh linn. Chaidh an lorg air agus faisg air cladh na h-eaglaise agus tha iad rim faicinn ann an taigh-tasgaidh Groam House. Canar gun robh manachainn ann an Ros Maircnidh a bha ceangailte le Naomh Moluag (bàs: 592) no le Boniface (ainm eile: Naomh Curetán). Anns an Martyrology of O'Gorman tha Boniface ainmichte mar: "bishop and abbot of Ross maic Bairend".[5]

Tha meadhan a' bhaile, eadar Bridge Street, Mill Road agus Hawkhill Road na raoin-ghlèidhteachais[6].

Iomraidhean

  1. Ros Maircnidh/ Rosemarkie”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
  2. Stòr-dàta SMO
  3. Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 101, Pàrlamaid na h-Alba
  4. Scotland's Census Result OnLineTeamplaid:Fix/category
  5. William J. Watson, The Celtic Place-Names of Scotland, (Dùn Eideann, 1926); ath-foillsichte le Simon Taylor (Dùn Eideann, 2004), duilleag 315
  6. Rosemarkie (Beurla). Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.