Romàinia
Is e dùthaich anns an earra-dheas na h-Eòrpa a tha ann an Romàinia[1][2][3][4], Ròmainia[5][6] (IPA: ro.mɨˈni.a) neo Romania.[7] Tha crìochan aice leis an Ungair agus an t-Sèirb anns an ear, leis an Ucràin agus leis a' Mholdobha san earra thuath, agus le Bulgàiria sa deas. Tha Bucharest na phrìomh-bhaile. Ged a tha Ròmainis na cànan oifigeil san dùthaich air fad, tha Ungairis, Gearmailtis, Ucràinis, Croatais is Sèirbis nan cànain oifigeil ann an roinnean sònraichte.
Eachdraidh
Bha Romàinia na phàirt Impireachd nan Otomanach ro 1878. Bha Romàinia fo smachd an deachdaire Ion Antonescu tron Dàrna Chogadh. Dh' fhosgaladh campaichean-losgaidh agus dhèanadh murt air Iùdhaich agus Daoine Rroma, fiù's mus dh'iarr Hitler air Romàinia gun gabhadh iad ri Uile-losgadh Nàsach nan Iùdhach agus nan Rroma.[8] Aig deireadh a' Chogaidh chaidh Antonescu dhìteadh agus a chur gu bàs airson an uilc a rinn e.[9] Ghabh am Pàrtaidh Comunnach Romàinia os làimh Riaghaltas Romàinia ann an 1944 ann an cur-fodha stàite le taic on Aonadh Sobhiatach, ann an 1944 agus chumadh e Ròmainia fo smachd, agus gu math dlùth air Stalin, gu ruige Ar-a-mach na Nollaig 1989.[10] Bhuineadh Romàinia dhan Cho-aonta Warszawa eadar 1955 agus 1990. Fo Nicolae Ceauşescu, b' e an Securitate an t-seirbheis phoileis dhìomhair na bu bhrùideile san t-saoghal air fad, agus iad a' gabhail ri ainneart, craonadh agus murt gu leòr. Thathar daonnan a' cantainn gu robh neach-fiosrachaidh na Securitate anns gach uile oifis, sgoil, taigh-gnìomhachais neo bloca fhlataicheanAnn an 2009 ghabh an dùthaich ri NATO.[11]
Daoine ainmeil
- Vlad Țepeș (1431–1476)
- Ealasaid Báthory (1560–1616)
- Alexandru Ioan Cuza (1820–1873)
- Maria Cuțarida-Crătunescu (1857–1919)
- Constantin Brâncuși (1876–1957)
- Ștefan Gheorghiu (1879-1914)
- George Enescu (1881–1955)
- Ion Antonescu (1882–1946)
- Elek Köblös (1887 - 1938)
- Ana Pauker (1893 - 1960)
- Gheorghe Gheorghiu-Dej (1901–1965)
- Mircea Eliade (1907–1986)
- Eugen Ionescu (1909–1994)
- Nicolae Ceauşescu (1918–1989)
- Marin Preda (1922–1980)
- Elie Wiesel (1926–2016)
- Éva Heyman (1931 - 1944)
- Traian Băsescu (1951)
- Dumitru Prunariu (1952)
- László Tőkés (1952)
- Herta Müller (1953)
- Stefan Hell (1962)
- Dacian Cioloș (1969)
Bailtean as motha
Siorrachdan
Ann an 1968 chaidh fearrann Romàinia air a roinneadh ann an 41 siorrachdan (Romàinis: județe, IPA: ʒuˈdetse), stèidhichte, gu ìre, air na roinnean a a bh' ann eadar 1859 agus 1950.
Iomraidhean
- Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- Dùthchannan ag SMO
- Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
- Am Faclair Beag
- Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
- Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- Arendt, H, (1963), Eichmann in Jerusalem: A Report on the Banality of Evil, Viking Press, Eabhraig Nuadh.
- Raul Hilberg, La Destruction des Juifs d'Europe, tome 1, Foliohistoire, 2006. Quid, 2000.
- Dennis Deletant, Teroarea comunistă în România. Gheorghiu-Dej și statul polițienesc, 1948-1965, Polirom, 2001, Iași, ISBN 973-683-783-1
- NATO
Ceanglaichean a-mach
- Open Directory Project - Ròmainia
- Duilleag oifigeil Ròmainia
- Leabharlann Nàiseanta Ròmainia
- Eachdraidh Ròmainia bhon World History Database
- BBC Naidheachdan 2016-08-23: Spealadh Carpàitianach - aithris le Teàrlach Quinnell air spealadh an fheòir sna beanntan Carpàiteanach