Riyadh

'S e prìomh-bhaile Saud-Aràibia a tha ann an Riyadh (Arabais:الرياض Ar-Riyāḍ). 'S e am baile as motha na dùthcha cuideachd. Tha e suidhichte air àrd-thìr ann am meadhan an leth-eilean Arabaich.

Riyadh
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Saud-Aràibia
Ceàrn Riyadh Province
Co-chomharran 24° 42' 42" Tuath
46° 43' 27" Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,200 km²
Àireamh-shluaigh 4,700,000 (2007)
Dlùths 3,916.67/km²
Àireamh fòn +966-1
Duilleag oifigeil www.arriyadh.com

Thàinig an t-ainm Riyadh bhon fhacal Arabais rawdha, tha sin a’ ciallachadh gàradh, gu h-araidh na gàraidhean a tha a’ nochdadh ma bhios an t-uisge ann anns an fhàsach. Bha àiteachas gu leòr ann timcheall air Riyadh airson 1500 bliadhna, air sgath’s gun robh an talamh glè mhath. .[1]

An-diugh ‘s e teas meadhan malairteach na dùthcha a tha ann an Riyadh. Ged a tha an seann baile anns an stòidhle traidiseanta, tha mòran sgìrean anns an stòidhle ùr, le togalaichean àrda.

Àitichean inntinneach


King Fahd Road
  • Burj Al Mamlakah

Kingdom Tower (Arabic: برج المملكة‎) ‘S e an togalach as àirde air feadh Saudi Arabia .[2]

  • Riyadh TV Tower

Tùr airson na meadhanan agus telebhisean. Chaidh an tùr a thogail eadar 1978 agus 1981

  • Al Masmak Castle

Chaidh a’ chaisteal a thogail ann an 1865 .

  • Old Riyadh

Tha Old Riyadh a’ gabhail a-steach na sgìrean Diriyah, King Abdulaziz district agus Wadi Laban. Tha am pàirt den bhaile seo anns an stòidhle traidiseanta.

  • King Fahd Road

'S e an rathad as beartaiche a th’ ann an Riyadh. Tha mòran ionadan eadar-nàiseanta agus companaidhean mhalairteach ann.

Seo feadhainn de na h-àiteachan ainmeil eile a tha air an King Fahd Road, m. e.:

    • Kingdom Centre,
    • Ionad Al Faisaliyah, (Arabais: برج الفيصلية‎) B’ e sin a’ chiad skyscraper a chaidh a thogail ann an Saud-Aràibia
    • Al Anoud Tower
    • Ministry of Interior building, a tha ainmeil airson an stòidhle ùr aige
    • Burj Al Anoud, Ionad malairteach
  • Oilthighean

Tha mòran oilthighean (nàiseanta agus prìobhaideach) ann an Riyadh, m.e.:

Ceanglaichean a-mach


Iomradh

  1. Al-Juhany, U.M., Najd before the Salafi Reform Movement, Ithaca Press, 2002, ISBN 0-86372-401-9.
  2. Kingdom Tower -
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.