Ratzeburg
‘S e baile meadhanach ann an ceann a tuath na Gearmailt a th’ ann an Ratzeburg (IPA: ʁatsəbʊʁk, plattdüütsch: Ratzborg). 'S ann à Ratibor, ainm ceann-feadhna Slàbhach agus burg (dùn) anns a’ Ghearmailtis a tha an t-ainm. Tha e suidhichte aig 36m os cionn ìre na mara air leth-eilean air a chuairteachadh le còig lochan, anns an stàit Schleswig-Holstein, 100km air falbh bho Rostock, 220km bho Bherlin, 190km bho Hamburg agus 19km bho Lübeck.[1] ‘S ann leis an sgìre Herzogtum Lauenburg a tha am baile agus tha 13,866 duine a' fuireach ann.[2]
Ratzeburg Ratzborg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Herzogtum Lauenburg | ||||
Sgìre | Schleswig-Holstein | ||||
Co-chomharran | 53° 41' 58' Tuath 10° 46' 26' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 30.29 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 13,866 (2013) | ||||
Dlùths | 457.77/km² | ||||
Àireamh fòn | 04541 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
Eachdraidh
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1044 nuair a thogadh manachainn an seo.[3] Chaidh a' mhanachainn a mhilleadh agus na manaich a chur gu bàs ann an ar-a-mach nam Pàganach ann an 1066.[4] Thug an Rìgh Heinrich der Löwe thairis a' baile ann an 1143 agus stèidhich e Easbaigeachd an seo ann an 1154 agus chaidh Cathair-eaglais a thogail cuideachd. Mhair an Easbaigeachd gu ruige 1566,[5] nuair a ràinig An t-Ath-Leasachadh. Bhuineadh am baile gu Diùcachd Shagsainn-Lauenburg eadar 1296 agus 1864[6] ged an robh e fo buaidh Diùcachd Mhecklenburg-Strelitz. Chaidh Ratzeburg ainmeachadh prìomh-bhaile na Diùcachd ann an 1619. Milleadh e ann an 1693[7] nuair a bha feachdan na na Danmhairge a' cuairteachadh a' bhaile agus thogadh e a-rithist ann an stoidhl Baròc.
Bailean Co-cheangailte
- Esneux
- Châtillon
- Ribe
- Sopot
- Strängnäs
- Walcourt