Rapal

'S e program-ciùil a tha ann an Rapal a thèid a-mach air BBC Radio nan Gaidheal gach oidhche bho 19.00 gu 21.00 Diluain gu Diardaoin. Thèid ceòl nuadh, agus gu sònraichte, ròc a chraobh-sgaoileadh air a' phrògram. Chaidh Rapal air an adhar a' chiad uair Diluain, 28mh dhen Chèitean, 2001. B' e Niall Iain Domhnallach a' chiad DJ air a' phrògram ach nuair a leudaich Rapal gu T.Bh. ann an 2007, cuireadh Anndra Robasdan agus Michelle NicDhomhnaill ris a' phògram mar DJan cuideachd.

Ann an 2007, stèidhich Rapal farpais bliadhnail airson òran ùr nuadh ann an Gàidhlig.

Buannaichean Farpais Rapal

  • 2007: The Picturebooks - "Rockonica Bhearonica"
  • 2008: Na Gathan - "Ruigidh Sinn Màrs"
  • 2009: Niteworks - "Nam aonar 's a Fonn"
  • 2010: Dòmhnall Eòghainn MacFhionghuin - "An Gairm"

Ceangal a-muigh

Larach-lin Rapal

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.