Raibeart Ò Baoghail
Is e nàduir-fheallsanach a bha an Raibeart Ò Baoghail (1627–1691). Rugadh e aig Caisteal Lios Mór, Contae Phort Láirge, Èirinn. Chuireadh e gu Colaiste Eton nuair a bha e 8 bliadhna a dh'aois, agus aig 11 bliadhna a dh'aois chuireadh e air cuairt Tìr-mòr na h-Eòrpa, mus an robh e 16 bliadhna a dh'aois. Dh'fhuirich e fad ùine mhòr ann an Geneva. Air bàs athair, sheilbh e taigh faisg air Oxford, Shasuinn.
Raibeart Ò Baoghail | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Caisteal Lios Mòr agus Lios Mór (Èirinn), 25 dhen Fhaoilleach 1627 |
Àite-fuirich |
Contae Phort Láirge Sasainn |
Bàs | Lunnainn, 31 dhen Dùbhlachd 1691 |
Àite-adhlacaidh | St Martin-in-the-Fields, Westminster (en) |
Teaghlach | |
Athair | Richard Boyle, 1ad Iarla Chorcaigh |
Màthair | Catherine Fenton |
Cèile | no value |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Colaiste Eton (1635 - |
Cànain |
Beurla Fraingis Laideann Gaeilge |
Oileanaich | Robert Hooke (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | fiosaigiche, ceimigear agus feallsanaiche |
Fastaichean |
Lunnainn East India Company (en) Oilthigh Oxford |
Obraichean comharraichte | Dlighe Úi Bhaoghail |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Buaidh | Galileo Galilei, René Descartes, Francis Bacon (en) , Cornelis Drebbel (en) , Otto von Guericke (en) agus Ibn Tufayl (en) |
Ballrachd |
An Comann Rìoghail Invisible College (en) |
Gluasad | shareholder (en) |
Creideamh | |
Creideamh | Anglachas |
Thug toradh a chuid oibre an càirdeas a tha eadar toirt agus brùth àile chun tomhais-lìonaidh (Lagh Úi Bhaoghail). Fhuair e a-mach nach gluais fuaim tro falamhachd. Fhuair e a-mach cuideachd gu bheil cuideam aig adhair. B'e Ó Baoghail a' chiad dhuine a dh'aithnich (an 1661) gu bheil iomadh susbaintean dèanta às bloighean de susbaintean simplidh, ris a chanar eileamaidean. B'e Ó Baoghail a' chiad eòlach mar sin a chleachd am facal "eileamaid" anns an dòigh seo. Dh'adhbharaich e a' chiad eagar reusanta de sgoil-cheimigeach agus an lùib sin chanar "Athair na Ceimigeachd" ris.
Cha do phòs e riamh. Chaochail e ann an Lunnainn an 1691 nuair a bha e 64 bliadhna dh'aois.[1]
Iomraidhean
- O' Connor, John J. ⁊ Robertson, Edmund F. (2000): “Robert Boyle biography”. MacTutor History of Mathematics archive. Oilthigh Chill Rìmhinn. Air a thogail 31mh dhen Dùbhlachd 2018.