Rìoghachd Napoli

B' e dùthaich ann an ceann a deas na Eadailt a bh' ann an Rìoghachd Napoli[1] (Laideann: Regnum Neapolitanum, Eadailtis: Regno di Napoli) a mhair bho 1282 gu 1816.[2] B' e Napoli fhèin a bh' ann prìomh-bhaile na dùthcha. Chaidh Rìoghachd Napoli a stèidheachadh nuair a sgaradh sgìrean a bhuineadh dhan Rìoghachd Sicilia air an Leth-eilean Eadailteach fhèin bhon chòrr dhen dùthaich.[3] B' e Regnum Siciliae citra Pharum an t-ainm fada oifigeil aice. Ann an 1442 cheannsaich Alfonso V às an Rìoghachd Aragó, Rìoghachd Napoli, a bha air a bhith fo bhuaidh nan Angevin bho 1266.[4] Eadar an 15mh Linn agus an 19mh Linn, bhuineadh Rìoghachd Napoli gu Aragó, dhan Fhraing dhan Spàinn agus dhan Ostair, agus mu dheireadh thall bha i na dùthaich neo-eisimeileach eadar 1734 agus 1860,[5] nuair a chaidh a toirt a-steach dhan Eadailt aonaichte.

Rìoghachd Napoli
Regnum Neapolitanum
Regno di Napoli
12821816
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1282
Bliadhna mu Dheireadh 1816
Prìomh-Bhaile Napoli
Càna(i)n Oifigeil Eadailtis

Bailtean

Iomraidhean

  1. Almanach de Gotha
  2. Leonardo
  3. Guida GeneraleTeamplaid:Fix/category
  4. Lebrel Blanco
  5. Napoléon
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.