Puerto Carreño

‘S e prìomh-bhaile na roinne Vichada, ann an Coloimbia,[1] a th' ann Puerto Carreño. Tha e suidhichte aig àirde dhe 51m os cionn ìre na mara agus tha teodhachd meadhan dhe 28° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1954 anns an sgìre ris an canar Còmhnardan an Ear (Spàinntis: Llanos Orientales). Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air an àiteachas agus gnìomhachas a’ chruidh. Tha cunntas-sluaigh dhe 13,288 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[2]

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 13,288 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 3,256 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Puerto Carreño, ach tha 23.8% dhe thùsanaich agus 5.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 83.7% dhe na daoine ann an Puerto Carreño leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 20.4 % dhe na dachannan.[4]

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Puerto Carreño. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Coloimbia Virtual
  4. Bileag fhiosrachaidh DANE
  5. Country Studies: Colombia
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.