Probhaist

'S e neach-poileataigs (comhairliche) a riochdaicheas baile neo sgìre eile a th'ann am Probhaist (bho fhraingis:prévôt agus bho thùs præpositus ann an Laideann).[1] Ann an iomadh dùthaich bidh am probhaist ag obair airson a' bhaile, le oifisean anns a' bhaile fhèin, a dh'aindeoin cho beag 's a tha am baile neo clachan a riochdaicheas e. 'S e a thachras anns An Fhraing,[2] anns A' Bheilg[3] agus a' mhòr-chuid den Aonadh Eòrpach. Tha an suidheachadh gu math eadar-dhealaichte ann an Alba air sàilleabh atharraidhean ann an riaghailtearachd ionadail ann an 1973,[4] agus cha bhi probhaist os cionn gach baile, ach dìreach os cionn roinnean nas motha.

Cànan Eile

Thathar a' cleachdadh caochlach ainm airson na dreuchd sin, a rèir na dùthcha. 'S e maire,[5] bho maior (nas motha) ann an Laideann a thathar a' cleachdadh san Fhraing agus 's ann a sin a tha am facal mayor a chithear anns na dùthchannan far a bheil Beurla ga bruidhinn. Seo cuideachd am facal a tha ga chleachdadh ann an cuid de dùthchannan eile, fo bhuaidh na Frainge, mar An Ruis agus Bulgàiria Myer (Мэр). A dh'aindeoin sin, thathar a' cleachdadh bourgemestre anns a' Bheilg o chionn 's' gu bheil an dùthaich sin ceangailte ri dùthchannan far a bheil Cànain Ghearmaineach gam bruidhinn. Le sin, 's e Bürgermeister[6] anns A' Ghearmailt agus san Ostair, Burgemeester anns Na Tìrean Ìsle agus borgmester anns An Danmhairg, a tha a' ciallachadh ceannard a' bhaile. 'S ann à Arabais a tha am facal alcalde (قاضي) a tha ga chleachdadh anns An Spàinn agus ann an Aimearaga-a-deas.[7] Tha am facal Arabais a' ciallachadh breitheamh.

Iomraidhean

  1. My Memory
  2. Legifrance
  3. Georges Lebouc, Dictionnaire de belgicismes, Bruxelles, Racine,‎ 2006 (ISBN 978-2-87386-477-4)
  4. Legislation
  5. Larousse
  6. Duden
  7. Real Academia Española
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.