Prishtina

‘S e baile mòr air an àirde an ear Cosobho a th’ ann am Prishtina (IPA: pɾiʃtiːna, Gearmailtis: Prischtina, Searbais: Приштина, Turcais: Priştine). 'S e Prishtina a th' ann prìomh-bhaile na dùthcha.[1] Tha e suidhichte aig 652m os cionn ìre na mara, faisg air na beanntanan Goljak. Tha am baile 185km air falbh bho Thirana, 176km bho Shofia, 78km bho Skopje, 243km bho Bheograd agus 157km bho Phodgorica.[2] Tha 208,230 duine a' fuireach ann.[3]

Prishtina
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Cosobho
Ceàrn Rajoni i Prishtinës
Co-chomharran 42° 39' 48' Tuath
21° 09' 44' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 572 km²
Àireamh-shluaigh 208,230 (2013)
Dlùths 364.04/km²
Àireamh fòn +383 38
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

Eachdraidh

Chaidh Prishtina a chlàradh airson a' chiad turais ann an 892.[4] Bhuineadh e do dh'Impireachd nan Otomanach bho 1455 gu ruige 1912 agus fiù's bha e na phrìomh-bhaile na sgìre Vilajeti i Kosovës eadar 1877 agus 1888.[5] An dèidh A' Chogaidh Mhòir bha e na phàirt Iùgoslaibhia bho 1918 gu ruige 2008. Anns a' Chèitean 1944, ri linn an Dàrna Cogaidh, thug an Schutzstaffel (21. Waffen-Gebirgs-Division der SS Skanderbeg albanische Nr. 1) an grèim na 281 Iùdhaich a bha a' fuireach ann am Prishtina. Chaochail iad ann am Bergen-Belsen.[6]

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Geography Field Work
  2. Luft Linie
  3. Agjencia e Statistikave të Kosovës
  4. Kultura materiale dhe historia e qytetit të Prishtinës
  5. Salnâme-i Vilâyet-i Kosova, Rumeli Türkleri Kültür ve Dayanışma Derneği, Istanbul
  6. Kosovo Holocaust

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.