Potsdam
Is e baile nan lùchairtean agus nan ghàraidhean a th’ ann am Potsdam, (IPA: ˈpɔtsdam), prìomh-bhaile Bhrandenbuirg. O chionn bliadhna 1990 tha e air a chomharrachadh leis an UNESCO mar Làrach Dhualchas na Cruinne.
Potsdam
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | a' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Brandenburg | ||||
Co-chomharran | 52° 24' Tuath 13° 4' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 187.27 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 148,691 (2006) | ||||
Dlùths | 793.99/km² | ||||
Àireamh fòn | +49-331 | ||||
Duilleag oifigeil | potsdam.de |
Is e lùchairt Schloss Sanssouci an sealladh as ainmeile ann am Potsdam. Tha an lùchairt seo na laighe ann an gàradh mòr mar crùn air beinn fhìona a chaidh a cruthachadh mar staidhre. Chaidh Sanssouci a thogail eadar 1745 agus 1747 mar lùchairt-shamhraidh air a dhoigh "Rokoko" airson an Rìgh Frederic Mòr.
Tha tòrr lùchairtean eile ann am Potsdam, mar eisimpleir: is e Das Neue Palais an lùchairt as motha anns a’ bhaile, tha an Neue Orangerie agus am Marmorpalais ann cuideachd. Anns an lùchairt Schloss Cecilienhof thàinig Winston Churchill ( an-dèidh Clement Richard Attlee), Harry S. Truman agus Iosif Stalin còmhla ann an 1945 airson co-labhairt ainmeil "Cò-labhairt Photsdam" (Potsdam Conference sa Bheurla) an-dèidh an Dàrna Cogadh. Anns a’ cho-labhairt seo chaidh a' Ghearmailt a sgaradh le ceithir pàirtean poileataigeach.
Is e an gàradh as aosda a tha ann an Lustgarten air beulaibh na lùchairt Das Stadtschloss. Chaidh a chruthachadh anns a' bhliadhna 1660 agus chaidh a chruthachadh a-rithist ann an 2001 ann an seòrsa ùr airson fèill nan gharaidhean (Bundesgartenschau sa Ghearmailtis).
Is e gàradh ainmeil eile a tha anns a’ phàirc Babelsberg. Chruthaich Peter Joseph Lenné, an t-eòlaiche cliùiteach, a’ phàirc seo.
A bharrachd air na lùchairtean agus na gàraidhean is toil leis an luchd-turais taighean na luchd-tuineachaidh às an Òlaind. Thàlaidh Rìgh Frederic Uilleam I luchd-ciùird agus luchd-malairt do Bhrandenburg ann an 1733 agus thog iad fhèin cairteal a’ bhaile le 133 taigh à clachan-chrèadha.
Ann an cairteal eile tha colonaidh Ruiseach Aleksandrowka ann, far an robh dà sheinneadair dheug de chòisir Ruiseach a’ fuireach ann an naoidheamh linn deug. Tha ceithir taighean deug agus eaglais anns an stoidhle Ruiseach anns a’ cholonaidh Aleksandrowka.
Is e baile nan oilthighean a tha ann am Potsdam cuideachd. Tha cuid de oilthighean agus institiuidean prìobhaideach agus trì oilthighean poblach ann, am measg an oilthighe Konrad Wolf (HFF Babelsberg) airson fhilmichean agus telebhisean, an t-oilthigh meadhanan as sìne air an t-Saoghal.
Tha tòrr thaighean-tasgaidh, agus thaighean – taisbeanadh a’ tàladh luchd-tadhail do Photsdam. Ach tha an dùthaich Brandenburg fhèin inntinneach dhaibh cuideachd.
Bailtean Co-cheangailte
Iomraidhean
- Àireamh-shluaigh:Staitistearachd oifigeil 10/06 Brandenburg
Ceanglaichean a-muigh
- Duilleag oifigeil (sa Bheurla)
- GermanPlaces - Potsdam – Fiosrachadh agus dealbhan (sa Bheurla)
- Interactive aerial tour of Potsdam - Turas ann am Potsdam
- Àitean turasachd ann am Potsdam
Tha tòrr dealbhan anns an Wikipedia Commons :