Port nan Long

'S e baile beag ann an iar-thuath an Eilean Sgitheanaich a tha ann am Port nan Long (Beurla: Portnalong).[1][2] Tha e suidhichte air an B8009 faisg air bruach Loch Harport agus timcheall air 4km (2.5 mìle) tuath air Càrrabost. Chaidh am baile a stèidheachadh le croitearan à Leòdhas agus na Hearadh ann an 1921.[3]

Port nan Long

Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Comhairle na Gàidhealtachd
Sgìre An t-Eilean Sgitheanach
Co-chomharran 57° 19′ 31.72″ Tuath
6° 24′ 26.75″ Iar
Comharradh-clèithe NG348347
Feartan fiosaigeach

'S e baile croitearachd a th' ann am Port nan Long. Còmhla ri Fiosgabhaig tha 69 croitearan a' ruith nan caorach aca air a' choitcheann.

Cidhe Phort nan Long

Iomraidhean

  1. Iain Mac an Tàilleir: Placenames”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 23mh dhen Iuchar 2007 (PDF).
  2. Stòr-dàta SMO
  3. Haswell-Smith, Hamish (2004). The Scottish Islands. Dùn Èideann: Canongate. dt. 177. ISBN 978-1-84195-454-7
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.