Port Louis

'S e prìomh-bhaile na h-Eileanan Mhoiriseas a tha ann am Port Louis. Anns a’ bhliadhna 2003 bha 147,688 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Mar sin dheth ‘s e Port Louis am baile as motha a tha anns an dùthaich cuideachd. Tha am baile suidhichte air cladach a' Chuan Innseanach, agus tha am port-mara as cudthromaiche den dùthaich aige. Tha Port Louis 1,742km air falbh bho Victoria (Na h-Eileanan Sheiseall), 1,055km bho Antananarivo (Madagascar), 1,789km bho Moroni (Na h-Eileanan Chomoro), 2,624km bho Mhaputo (Mozambique), agus 3,879km bho Cholombo (Sri Lanca).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, aig 133m os cionn ìre na mara.[2]

Port Louis
Suidheachadh
Dùthaich na h-Eileanan Mhoiriseas
Co-chomharran 20°10’ Deas
57° 31’ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 42.7 km²
Àireamh-shluaigh 147,688 (2003)
Dlùths 3,458.74/km²
Duilleag oifigeil mpl.intnet.mu/home.htm

Chaidh am baile a stèidheachadh leis na Fraingis anns a’ bhliadhna 1735 mar port-mara airson na bàtaichean aca, a bha a’ seòladh timcheall air Cape of Good Hope. Thag iad ainm a’ bhaile airson urram a thoirt don Rìgh Louis XV.

Bailtean Co-cheangailte

Dealbhan

Ceanglaichean A-mach

Iomraidhean

  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.