Podolsk

'S e mòr-bhaile anns an Ruis a tha ann am Podolsk (Ruiseis: Подольск). Tha e suidhichte mu 40km san àirde a deas air Mosgo. Tha an abhainn Pakhra a' ruith tron bhaile. Le 179.400 duine (2007) 's e Podolsk am baile as motha anns an sgìre Moscow Oblast. Tha e na theas-meadhan rianachail dhen sgìre Podolsk.

Podolsk
Подольск
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Ruis
Ceàrn Moscow Oblast
Sgìre Podolsk
Co-chomharran 55° 25′ Tuath
37° 33′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 38 km²
Àireamh-shluaigh 179,400 (2007)
Dlùths 4,721.05/km²
Àireamh fòn (+7) 4967
Duilleag oifigeil http://adm.podolsk.ru

Eachdraidh a' bhaile

Bho 1627 a-mach bha baile beag an seo air an robh an t-ainm Podol (Подол). Bha e suidhichte timcheall air abaid. Ann an 1791 fhuair iad inbhe baile. Dh'fhàs am baile na bu mhotha nuair a thogadh rathad-iarrainn eadar Moscobha agus an leth-eilean Crimea. Aig deireadh na 19mh linne thòisich gnìomhachas anns a' bhaile. Aig àm nan Comannach bha mu 70 factaraidh ann am Podolsk far an robh a' chuid as bu mhotha de mhuinntir a' bhaile ag obair.

Àireamhan-sluaigh

Tha an clàr a' sealltainn atharrachadh nan àireamhan-sluaigh eadar 1897 is 2005.

Bliadhna Àireamh-shluaigh [1]
18973.800
192619.700
193972.000
1956113.000
1967163.000
1976194.000
1982206.000
1989209.200
1996199.700
2000194.300
2005180.000

Bailtean Co-cheangailte

  • Amstetten
  • Bălț
  • Bar
  • Borisov
  • Chernivtsi
  • Henan
  • Kavarna
  • Kladno
  • Ohrid
  • Saint-Ouen
  • Shumen
  • Sukhumi
  • Trier-Land
  • Vanadzor
  • Warmińsko-Mazurskie

Iomraidhean

  1. mojgorod.ru

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.