Pitești

'S e baile mòr eadar Craiova agus Târgoviște, ann an ceann a deas Romàinia a th' ann am Pitești (IPA: piˈteʃtʲ, Gearmailtis: Pitesk). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Argeș, aig 300m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Argeș fhèin. Tha 155,383 duine a' fuireach ann.[1]

Pitești
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Argeș
Co-chomharran 44° 51 24' Tuath
24° 52 39' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 40.73 km²
Àireamh-shluaigh 155,383 (2011)
Dlùths 3,814.95/km²
Àireamh fòn +40 02 48
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Eachdraidh

Tha a h-uile coltas ann gur ann às na h-ainmean pearsanta Pit air neo Pitul agus an iar-leasachan -ești s' a tha ainm a' bhaile.[2] A dh'aindeoin sin, tha cuid a dhaoine eile dhen bheachd gur ann à pită (Gàidhlig: aran) 's a tha e.[3] Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Moesia inferior. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais air 20 an Cèitean 1386. eadar 1600 agus 1601 bha feachdan Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia air an gearastanachadh ann am Pitești. Thog Constantin Șerban eaglais a' bhaile an an 1656. Anns An Dùbhlachd 1943 chaidh Daoine Rroma a' bhaile a fhuadachadh gu campaichean-losgaidh ann an Transnistria, mar phàirt an Uile-losgaidh.[4] Thug plèanaichean cogaidh Aimearganach ionnsaigh air a' bhaile air 4 an t-Iuchar 1944: rinneadh droch sgrios agus milleadh air.[5]

Daoine ainmeil

Bailtean co-cheangailte

  • Beit Jala
  • Borlänge
  • Bydgoszcz
  • Caserta
  • Chişinău
  • Chongqing
  • Gyumri
  • Huelva
  • Kragujevac
  • Muntinlupa
  • Nafplio
  • Ourém
  • Springfield
  • Sumgait
  • Tynaarlo

Iomraidhean

  1. Institutul Național de Statistică.
  2. Aurelian Sacerdoteanu, Începuturile orașului Pitești, ann an Studii și comunicări”, Pitești, 1971.
  3. Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
  4. Dennis Deletant, Hitler's Forgotten Ally: Ion Antonescu and His Regime, Romania, 1940-1944, Palgrave Macmillan, Lunnainn, 2006, ISBN 1-4039-9341-6.
  5. Charles E. Francis, Adolph Caso, The Tuskegee Airmen: The Men Who Changed a Nation, Branden Books, Wellesley, 1997, ISBN 0-8283-2029-2
  6. Duțu, A., Dobre, F., Antonescu și generalii români. Un război surd și ciudat, 1999.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.