Per Teodor Cleve
B' e creag-eòlaiche, ceimigear, mèinn-eòlaiche is bith-eòlaiche às an t-Suain a bha ann am Per Teodor Cleve. Rugadh e ann an Stockholm agus dh'ionnsaich e aig Gymnasium Stockholm. Chaidh e na ollamh ceimigeachd aig an Oilthigh Uppsala, far an robh e na oileanach, ann an 1874. Mhol e ann an 1874 gum b' e dà eileamaid a bha ann an didymit agus dhearbhaich Carl Auer von Welsbach seo ann an 1885 nuair a lorg e prasodimium agus neodimium. Ann an 1879 lorg Cleve tuilium agus dh'ainmich e hoilmium. Mus do lorg Cleve is Nils Abraham Langlet helium ann an clach uranium ann an 1895, chan fhacas helium ach ann an reultan.
Per Teodor Cleve | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith |
Storkyrkoförsamlingen (en) ![]() ![]() |
Dùthaich |
![]() |
Bàs |
Uppsala Cathedral Assembly (en) ![]() |
Àite-adhlacaidh | seann-chladh Uppsala |
Teaghlach | |
Cèile |
Alma Cleve (en) ![]() |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Uppsala |
Oileanaich dotaireachd | Svante Arrhenius |
Cànain |
Suainis Beurla Gearmailtis Fraingis |
Luchd-teagaisg |
Carl Gustaf Mosander (en) ![]() |
Dreuchd | |
Dreuchd |
ceimigear, eòlaiche-mhèinnearan, ainmh-eòlaiche, neach-teagaisg oilthigh, geòlaiche, neach-saidheans, lus-eòlaiche, bith-eòlaiche agus oceanographer (en) ![]() |
Àitichean-obrach | Uppsala agus Stockholm |
Fastaichean | Oilthigh Uppsala (17 dhen Chèitean 1858 - |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd | Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan |
Bha ùidh mhòr cuideachd aige ann am plancton agus dà-ataman is ghabh e pàirt sa' chuairt Shuaineach rannsachaidh a Spitsbergen ann an 1898. B' e a' chiad neach-saidheans a thug taic do na teòiridhean Darwin a bha ann an Cleve.[1]
Bhuannaich e am Bonn-cuimhne Davy ann an 1894.[2] Dh'ainmicheadh am mèinnear cleveit a rèir Cleve gus urram a thoirt dha. Bhuannaich ogha Ulf von Euler an Duais Nobel ann an Leigheas ann an 1970.[3]
Iomraidhean
- Bjørklund, K. R. ⁊ Itaki, T. agus Dolven, J. K. (2014): “Per Theodor Cleve: a short résumé and his radiolarian results from the Swedish Expedition to Spitsbergen in 1898,” ann an: J. Micropalaeontol., leabhar 33, td. 59–93. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.
- “Award winners: Davy Medal”. Comann Rìoghail. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.
- “Ulf von Euler - Biographical”. Nobel Media AB. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.