Pearù

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann am Pearù[1] neo Peru[2][3] neo Perù[4]. Tha a' chànan Quechua agus a' chànan Aymara nan cànanan oifigeil anns na roinnean far a bheil iad ga bruidhinn leis a' mhòrchuid de na daoine. 'S e Piruw an t-ainm air Pearù anns a’ chànan Quechua agus anns a’ chànan Aymara.

República del Perú

Bratach

Gearradh-arm
Laoidh Nàiseanta
"Somos libres, seámoslo siempre" (Spàinntis)
"We are free, may we always be so"
Cànan(an) oifigeil Spàinntis
Prìomh-bhaile Lima
Baile as motha Lima
Riaghaltas Poblachd
Ceann-suidhe Pedro Castillo
Iar-cheann-suidhe Dina Boluarte
Prìomh-mhinistear Aníbal Torres
Ceann-suidhe na Còmhdhail Mariacarmen Alva
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Spàinn
28mh, an Iuchar 1821
Aithnichte 9mh, an Dùbhlachd 1824
Farsaingeachd
Iomlan 1,285,216 km² (19mh)
Uisge 4.1 %
Àireamh-shluaigh (2021)
Iomlan 34,294,231 (44mh)
Dlùths 23/km² (198mh)
LTD/CCC (2020)
gach pearsa $11,516 (103mh)
Roinn tìde PET (UTC-5)
Ruith-airgid Nuevo Sol
Prìomh àrainn-lìn .pe
Còd Àireamh fòn 51
Pearù
Machu Picchu - Baile nan Inca Pearù

Tha crìochan aice san ear le Braisil, sa tuath le Eacuador agus Coloimbia, san ear-dheas le Boilibhia agus sa deas leis an t-Sile. Tha an Cuan Sèimh air taobh an iar na dùthcha.

'S e Lima am prìomh-bhaile aice.

Eachdraidh

Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1854.[5] Sgrìobh Dòmhnall Alasdair an dàn 'Riaghladh' mun ana-cheartas a chunnaic e anns an t-saoghal is e ag ainmeachadh Pearu:

Seallaibh air na rìoghachdan
Bho Sìona gu Peru,
Cumhachd aig gach lìogaire
’S gun fìrean anns a’ chriùth’;
An tuig sibh rud cho neònach,
Gu bheil daoine seòlt’ an drast’
Anns gach dùthaich deònach
Na dòlais bhith gu h-àrd?[6]

Bailtean

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  3. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  4. Dùthchannan aig SMO
  5. UNICEF
  6. Earrainn bho 'Riaghladh' le Dòmhnall Alasdair Dòmhnallach. 1999. Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair (Steòrnabhagh: Acair) d.84

Ceanglaichean a-mach

Pearù
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.