Palastain

'S e earrann de thìr ann an Àisia a tha ann am Palastain[1] neo Paileastain [2] (Arabais: فلسطين). Tha i suidhichte eadar a' Mhuir Mheadhan-thìreach agus Iòrdan. Cleachdar an t-ainm airson na roinnean a tha fo smachd an Ùghdarrais Palastainich. Tha sin a’ gabhail a-steach Raon Ghàsa agus 40 % den Bruach-an-Iar. Uaireannan canar gur e Ierusalem-an-Ear pàirt den Phalastain cuideachd, ach tha am baile gu lèir fo smachd Iosrael fhathast. Chan eil Palastain aithnichte mar stàit leatha fhèin. Ach tha i aithnichte le 108 dùthaich eadar-nàiseanta eile, an cuid as motha às an t-saoghail arabach.

Palastain

Bratach

Gearradh-arm
Laoidh Nàiseanta
Biladi
Cànan(an) oifigeil Arabais
Prìomh-bhaile Gàsa agus Ramallah (uaireannan Ierusalem an Iar)
Ceann-suidhe Mahmoud Abbas (محمود عباس)
Prìomh-mhinistear Mohammad Shtayyeh (محمد اشتية)
Stèidheachadh
Cuirte an cèill
bhon PLO
1988
Latha Nàiseanta 15mh, an t-Samhain
Farsaingeachd
Iomlan ~ 6300 km²/2700 km²
Àireamh-shluaigh (2007)
Iomlan 4.018.332
Bruach-an-Iar 2.535.927
Raon Ghàsa 1.482.405
Ruith-airgid Sheqel ùr Iosralach, (Dinar Iòrdanach ann am Bruach-an-Iar cuideachd)
Prìomh àrainn-lìn .ps
Còd Àireamh fòn +970

Eachdraidh

Bha Palastain na phàirt Impireachd nan Otomanach ro 1922.

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3

Ceanglaichean a-mach

Aistean cho-ceangailte

Na "crìochan" anns a' bhliadhna 2006
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.