Pàrtaidh Alba
'S e pàrtaidh a tha ag iomairt airson neo-eisimeileachd na h-Alba agus an aghaidh fèin-aithneachadh gnè a tha ann am Pàrtaidh Alba. Chaidh a stèidheachadh ann an 2021 le Laurie Flynn a bha na neach-aithris is rinn iomairt an aghaidh asbestos.[2]
Pàrtaidh Alba | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 2021 |
Luchd-stèidheachaidh | Laurie Flynn |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Neo-eisimeileachd |
Oifisean | 1 Lochrin Square, 92-98 Fountainbridge, Dùn Èideann, EH3 9QA.[1] |
Cathraiche | Ailig Salmond |
Suidheachain | Taigh an Ròid: 0. Westminster: 2 |
Riaghaltas | Às an riaghaltas (2021) |
Cha bhi am pàrtaidh a' seasadh air na liostaichean sgìreil anns an Taghadh Albannach 2021. Tha iad a' brosnachadh luchd-bhòtaidh a bhòt airson Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba airson na sgìre agus airson Pàrtaidh Alba fhèin air an liosta roinneil airson "sàr-mhòr-chuid" airson neo-eisimeileachd fhaighinn.[3]
Chaidh Ailig Salmond na cheannard[4] is chaidh dà BhP SNP aig Westminster, Coinneach MacAsgaill is Neale Hanvey, sa' phàrtaidh anns a' Mhàirt 2021.[5]
Iomraidhean
- “Alba Party”. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021.
- Richards, Xander: “Alba party membership surpasses Scottish LibDems in just one week, founder says”, The National. 2na dhen Ghiblean 2021. Air a thogail 28mh dhen Ghiblean 2021.
- “Manifesto Pàrtaidh Alba air fhoillseachadh”, Naidheachdan a' BhBC. 21mh dhen Ghiblean 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021.
- Wilson, Louise: “Salmond announces plan to stand for Holyrood as he launches Alba Party”, Holyrood Magazine. 26mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021.
- “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.