Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
Is e Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh an dara pàirc nàiseanta Albannach, a chaidh a stèidheachadh ann an 2003.
Tha a mhòr-chuid den phàirc anns a' Mhonadh Ruadh ach tha na Gleanntan Aonghais, Am Monadh Liath, Srath Spè, agus pàirtean Oir Dhè is Oir Dheathain taobh a-staigh crìochan na pàirc cuideachd.
Tha tùsan trì aibhneachan mòra anns a' phàirc: an Spè anns a' Mhonadh Liadh, agus Uisge Dhè is An Deathan anns a' Mhonadh Ruadh.
Anns a' pàirc gheibhear na bailtean An Aghaidh Mhòr, Bràigh Mhàrr, Ceann a' Ghiùthsaich, Baile Ùr an t-Slèibh, agus Tom an t-Sabhail.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.