Otto Paul Hermann Diels
B' e ceimigear às a’ Ghearmailt a bha ann an Otto Paul Hermann Diels (Hamburg 23 am Faoilleach 1876–Kiel 7 am Màrt 1954).
Otto Paul Hermann Diels | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith | Hamburg, 23 dhen Fhaoilleach 1876 |
Dùthaich |
![]() |
Bàs | Kiel, 7 dhen Mhàrt 1954 |
Teaghlach | |
Athair | Hermann Diels |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Humboldt Berlin |
Stiùiriche an teusais | Hermann Emil Fischer |
Oileanaich dotaireachd |
Karl Wilhelm Rosenmund (en) ![]() Kurt Alder |
Cànain | Gearmailtis |
Luchd-teagaisg | Hermann Emil Fischer |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceimigear agus neach-teagaisg oilthigh |
Fastaichean |
Oilthigh Kiel Oilthigh Humboldt Berlin |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Ballrachd |
Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan |
Tha e ainmeil airson an iom-obrachaidh Diels–Alder, a thionnsgail e còmhla ris an oileanach aige, Kurt Alder.
Bha e fhèin na oileanach aig Oilthigh Humboldt Berlin far an do sgrìobh e a theusais fo Carl Fischer is far an deach e na cheannard Roinn Cheimigeachd ann an 1913. Dh'imrich e dhan Oilthigh Kiel is dh'fhoillsich e agus Alder an iom-obrachadh ainmeil ann an 1928. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1944 ach thill e ann an 1946 an t-oilthigh ath-thogail an dèidh do chogaidh. Leig e dheth a dhreuchd a-rithist ann an 1946.[1]
Urraman
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1950,[2] còmhla ri Kurt Alder. Chaidh sràid ann an Kiel ainmicheadh air.[1]
Iomraidhean
- “Famous scholars from Kiel: Otto Diels”. Oilthigh Kiel. Air a thogail 23mh dhen Fhaoilleach 2019.
- “Otto Diels - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 23mh dhen Fhaoilleach 2019.