Olshammar
'S e clachan ann am meadhan na Suaine a th' ann an Olshammar. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha anns an sgìre Närke, anns an roinn (Suainis: län) Örebro län,[1] 162km air falbh bho Stockholm agus 257km bho Ghöteborg.[2] Tha dìreach 314 duine a’ fuireach anns a’ bhaile.
Olshammar
| |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Ceàrn | ![]() | ||||
Sgìre | ![]() | ||||
Co-chomharran | 58° 45’ Tuath 14° 48′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 85 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 314 (2005) | ||||
Dlùths | 3.69/km² |
Freumhan an ainm
Tha e coltach gur ann às an fhacal hamr (baile) ann an Seann-Lochlannais agus an t-ainm pearsanta Ólafr (Allghar) a tha an t-ainm.[3] Bheireadh sin Baile Allghair dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis a' Bheurla hamlet a th' ann an hamr.
Daoine Ainmeil
- Carl Gustaf Verner von Heidenstam: (1859 – 1940) Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1916.
Iomraidhean
Ceanglaichean A-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.