Oleh Psiuk
'S e seinneadair agus neach-ciùil Hip-hop às An Ucràin a th' ann an Oleh Romanovitch Psiuk (Ucràinis: Олег Романович Псюк, far-ainm: Psiuchyi Syn, Kalush 16 an Cèitean 1994).[1] 'S ann gu teaghlach uabhasach fhèin àbhaisteach 's a bhuinneas e: tha athair na uidheam-innleadair agus tha a mhàthair na neach-reic.[2] Fhuair e a chuid foghlaim san Oilthigh Choilltearachd ann an Lviv agus chuir e seachad corra bhliadhna a' togail thaighean. Tha e na bhall na còmhlain-ciùil Kalush agus Kalush Orchestra, a bhuannaich Eurovision ann an 2022.[3] B' ann mun chogadh 's a bha an t-òran leis a bhuannaich e, air sgàth gun tug An Ruis ionnsaigh air an Ucràin.
Oleh Psiuk | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Kalush, 16 dhen Chèitean 1994 |
Dùthaich | An Ucràin |
Foghlam | |
Foghlam | National Forestry University (en) |
Cànain |
Ucràinis Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | rapper (en) |
Far-ainmean | Псючий Син |
Inneal-ciùil | guth |
Iomraidhean
Ceanglaichean A-muigh
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.