Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (OGE) na chaidreachas de 13 colaistean agus ionadan rannsachaidh, a' tabhainn foghlaim gu ìre oilthigh air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eileanan. Fhuair iad inbhe oilthigh 2 an Gearran 2011.[1] Roimhe sin b' e Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna a bh' annta.
'S e seo am facal-suaicheantais aige: Foghlam aig ìre Oilthigh air a' Ghaidhealtachd is anns na h-Eileanan.
Com-pàirtichean
Colaistean
- Ionad Mara NAFC OGE, Sgalabhagh, Sealtainn
- Colaiste Shealtainn, Léiruig, Sealtainn
- Colaiste Arcaibh, Baile na h-Eaglaise, Arcaibh
- Colaiste na Gaidhealtachd a Tuath OGE, Inbhir Theòrsa, Gallaibh
- Colaiste a' Chaisteil, Steòrnabhagh, Leòdhas
- Colaiste Inbhir Nis, Inbhir Nis
- Sabhal Mòr Ostaig, Sléite, An t-Eilean Sgitheanach
- Colaiste Mhoireibh, Eilginn, Moireabh
- Colaiste Diadhaireachd na Gaidhealtachd, Inbhir Pheofharain
- Colaiste Pheairt, Peairt
- Colaiste Earra-Ghaidheal, Dùn Omhain, Earra-Ghaidheal
- Comann Saidheans Mara na h-Alba OGE, An t-Òban, Earra-Ghaidheal
- Colaiste Loch Abar, An Gearasdan
A' Ghàidhlig aig OGE
Tha OGE a' tabhainn chùrsaichean suas ri ìre ceum MA le urram tro Sgeama na Gàidhlig.
Iomraidhean
- Naidheachd air an làrach-lìn aca, 2 an Gearran 2011 a' tarraing air 20 an Gearran 2011
Ceanglaichean a-mach
- Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
- BBC Naidheachdan 2015-05-15: Campas ùr Inbhir Nis ga fhosgladh
- BBC Naidheachdan 2016-08-26: Togalach ùr UHI ga fhosgladh gu h-oifigeil (aithris bhideo 2:31)
- Agallamh le BBC Alba: Prionnsapal agus Iar-Sheansalair, an t-Àrd-Ollamh Todd Walker, agus an t-Oifigear Gàidhlig, DJ Mac an t-Saoir (2021-02)
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.