Oilthigh Innis Tìle

'S e oilthigh rannsachadh na stàite ann an Reykjavík a th' ann an Oilthigh Innis Tìle (Innis-Tìlis: Háskóli Íslands).[1] Chaidh Oilthigh Innis Tìle a stèidheachadh air 17 an t-Ògmhios, 1911, fo èigheachd an Alþingi. Thòisich iad ag obair tràth san Dàmhair sa bhliadhna sin. B' e dìreach trì dàimhean a bha an lùib aig an toiseach tòisichidh: Sgoil na Sagartachd, Sgoil Mheidigeach agus an Sgoil Lagha. Bha aon roinn fa-leth taobh a-staigh an Oilthigh airson gach aon dhiubh, agus chaidh roinn feallsanachd sònraichte a stèidheachadh aig a cheann thall. Anns a' chiad bhliadhna cha robh ach 45 oileanach ann, còignear ann an roinn na diadhachd, seachd-deug ann an roinn an lagha agus 23 anns an roinn mheidigeach, ach cha robh gin dhiubh clàraichte anns an roinn feallsanachd. B. e Björn M. Ólsen, àrd-ollamh feallsanachd, a' chiad phrionnsapal san sgoil.

Oilthigh Innis Tìle
"Háskóli Íslands"
Stèidhichte 1911
Suidheachadh Reykjavík, Innis Tìle
Oileanaich 12,500 (2014)
Làrach-lìn https://www.hi.is/

Airson a' chiad 29 bliadhna, bha Oilthigh Innis Tìle suidhichte air làr ìosal an Alþingishusið - togalach na pàrlamaid - ann an Ceàrnag Austurvöllur, ach ann an 1940 ghluais an sgoil gu togalach ùr, prìomh thogalach an Oilthigh, ann an Sràid Suðurgata. Bhon uairsin, tha sgìre an Oilthigh air leudachadh gu mòr, agus tha mòran thogalaichean air an cleachdadh air gach taobh Suðurgata agus ann a bharrachd àiteachan.[2] Tha Crannchur an Oilthigh air pàigheadh ​​gu ìre mhòr airson cosgaisean togalaichean ùra sgoile a bharrachd air cumail suas seann thogalaichean, a chaidh a stèidheachadh ann an 1934 le cead sònraichte. Aig deireadh 2007, chaidh Ceàrnag an Oilthigh a choileanadh, a tha na sheòrsaiche cumanta de dhà thogalach, 8,500m². B’ ann as t-earrach 2006 a thòisich obair togail. Chuir Guðni Thorlacius Jóhannesson - ceann-suidhe Innise Tìle - bliadhnaichean ag obair an seo.

Seann Oileanaich

Iomraidhean

  1. US News
  2. Study in Iceland
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.