Ocaña (An Spàinn)
'S e baile meadhanach faisg air Aranjuez, ann cridhe na Spàinne, suidhichte aig 700m os cionn ìre na mara, 's a th' ann an Ocaña. Tha am baile rim faotainn ri taobh na h-Aibhne Yesares. 'S ann ann an roinn Toledo, ann an Castilla-La Mancha a tha e. Tha 12,437 daoine a’ fuireach anns a' bhaile an latha an-diugh.[1]
Ocaña
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Toledo | ||||
Sgìre | Castilla-La Mancha | ||||
Co-chomharran | 39° 57' 25 Tuath 03° 29' 48 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 147.9 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 12,437 (2020) | ||||
Dlùths | 84.09/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 925 | ||||
Duilleag oifigeil | https://www.ocana.es/ |
Freumhan an Ainm
Chan ann soilleir 's a tha freumh-fhaclachd an ainm Ocaña. Tha cuid dhen bheachd gur ann às an fhacal cheilteach olca (Gàidhlig: cluain), agus tha cruth na tìre a' gabhail leis an teòiridh seo. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile a' ràdh gur ann à Oca air neo Occa, ann an Ligur 's a th'ann, mar Ouca sa Phortagail agus Oca ann am Burgos.[2]
Eachdraidh
B' ann fo sgàil nan Arabach 's a bha Ocaña gu ruige 1106. Chaochail Alonso de Ercilla y Zúñiga an seo ann an 1594. Ann an 1809, dh'fhulaing na Spàinntich call doirbh an aghaidh nam Fraingeach an seo aig Blàr Ocaña.[3]
Àireamh-sluaigh
Mar a tha air a bhith a' tachairt air feadh na Spàinne fad bliadhnaichean, 's ann a' fàgail nan sgìrean dùthchasail a tha na daoine, agus le sin tha Àireamh-sluaigh Ocaña air fhàs.[4]
Bliadhna | 2005 | 2010 | 2015 | 2020 |
Muinntir | 6923 | 10098 | 10795 | 12437 |
Daoine Ainmeil
- José María Prada (1925 - 1978): cleasaiche[5]