Obar Pheallaidh
'S e baile beag ann an Siorrachd Pheairt is Cheann Rois a th' ann an Obar Pheallaidh (Beurla: Aberfeldy).[1]
Obar Pheallaidh | |
![]() Seann mhuileann ann an Obar Pheallaidh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Comhairle Pheairt is Cheann Rois |
Siorrachd | Siorrachd Pheairt |
Parraist | Dul |
Co-chomharran | 56° 37′ 5″ T 3° 51′ 56″ I |
Comharradh-clèithe | NN855490 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 1,986 (2011) |
Ann an 2011 bha 1,986 duine a' fuireach ann.[2]
Acadamaidh Bhràghaid Albann
'S e sgoil-àraich, bun-sgoil agus àrd-sgoil a th' ann an Acadamaidh Bhràghaid Albann a bheireas foghlam do chloinn eadar 2 bliadhna agus 18 bliadhna a dh'aois.[3] Thòisich Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil ann ann an 2011.[4] Tha Gàidhlig ga teagasg mar chuspair anns an àrd-sgoil. Chaidh Comann nam Pàrant Stèidheachadh ann an 2012 gus taic a chumail ri pàrantan le clan san sgoil.[5]
Tha iomradh ann an Gairm mun turas a rinn còisir na sgoile dhan Ghearmailt ann an 1976 le dealbhan dhen chòisir.[6]
Iomraidhean
- “Aberfeldy/Obar Pheallaidh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 16mh dhen Dùbhlachd 2016.
- Brinkmann, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population Statistics in Maps and Charts”. citypopulation.de. Air a thogail 16mh dhen Dùbhlachd 2016.
- “About Us” (Beurla). Acadamaidh Bhràghaid Albann. Air a thogail 16mh dhen Dàmhair 2017.
- “Gaelic Medium Education” (Beurla). Acadamaidh Bhràghaid Albann. Air a thogail 16mh dhen Dàmhair 2017.
- “Comann nam Pàrant” (Beurla). Comann nam Pàrant Obar Pheallaidh. Air a thogail 16mh dhen Dàmhair 2017.
- Fionnlagh MacSuain. 1978. 'Air Bruaichean na Rhein', Gairm 101 (1977-78), 13-18.
Ceanglaichean a-mach
- Acadamaidh Bhràghaid Albann
- Gaelic in Aberfeldy - Comann nam Pàrant Obar Pheallaidh
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.