Obar Dhobhair

'S e baile ann am Fìobha air an Abhainn Dhobhair a tha ann an Obar Dhobhair (Beurla: Aberdour).[2]

Obar Dhobhair
Suidheachadh
Obar Dhobhair is located in Alba
Obar Dhobhair
Obar Dhobhair (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle Fìobha
Siorrachd Fìobha
Co-chomharran 56° 3′ 10″ Tuath
3° 18′ 8″ Iar
Comharradh-clèithe NT190852
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,710[1] (2011)

Thogadh a' chiad phàirt dhen caisteal ann an 12mh linn còmhla ris an eaglais Naomh Faolain. Thug Raibeart Brus an caisteal don mac-peathar, an Iarla Mhoireibh, ann an 1325, agus fhuair na Dùghlasaich, no Iarlan Mhorton, e ann an 1342.[3] Thogadh an rainse an ear ann an 1690 don Iarla Mhorton. Sgrios teine pàirt den thogalaich eadar an gailearaidh agus an caisteal fhèin anns an 18mh linn.[4] Tha stèisean-rèile ann air an loidhne eadar Bàgh Dhealgadaidh agus an t-Eilean Loisgte.[5]

Spòrs

Tha Comann Camanachd Obar Dobhair a' cluich an-seo.[6]

Iomraidhean

  1. Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Oifis-chlàraidh na h-Alba. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2023.
  2. Aberdour/Obar Dhobhair”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2023.
  3. Aberdour Castle and Gardens”. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 18mh dhen Dùbhlachd 2016.
  4. Aberdour Castle”. Canmore. Air a thogail 18mh dhen Dùbhlachd 2016.
  5. Aberdour (AUR)”. Rèile Nàiseanta. Air a thogail 18mh dhen Dùbhlachd 2016.
  6. Aberdour Shinty Club”. Comann Camanachd Obar Dobhair. Air a thogail 11mh dhen Dùbhlachd 2016.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.