Numea

'S e baile mòr agus port anns A' Chuan Shèimh a tha a' buntainn dhan Fhraing 's a th' ann an Numea (Fraingis: Nouméa).[1] Prìomh-bhaile Cailleann Nuadh, tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthacha ann an roinn Province Sud (Gàidhlig: Roinn a Deas). Tha 94,285 duine a’ fuireach anns a' bhaile. 'S ann air àiteachas, mèinnearachd, rianachd agus turasachd 's a tha eaconomaidh a' bhaile air a stèidheachadh.

Numea/Nouméa
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Fhraing
Ceàrn Province Sud
Sgìre Cailleann Nuadh
Co-chomharran 22° 16' 33 Deas
166° 27' 29 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 219.95 km²
Àireamh-shluaigh 94,285 (2019)
Dlùths 428.67/km²
Àireamh fòn + 687
Duilleag oifigeil https://www.noumea.nc/

Eachdraidh

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1854 mar Port-de-France airson a' champa-prìosain.[2] Chaidh an t-ainm atharrachadh gu Nouméa ann an 1868. B' e gu robh mèinnearachd uabhasach fhèin cudromach fad bliadhnaichean.

Àireamh-sluaigh

Seo mar a tha àireamh-sluaigh a' bhaile air atharrachadh fad nam bliadhnaichean:

Numea[3][4]
19561963196919761983198919962004200920142019
Numea22.23534.99041.85356.07860.11265.11076.29391.38697.57999.92694.285

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Chevalier, Luc, Nouméa de l'an 1854 à l'an 2000, Nouméa, Cagou, 1998.
  2. Blanchard, Gérard et Jean Lèques, Nouméa 140 ans déjà ! 1854-1900, Nouméa, Vice-rectorat de Nouvelle-Calédonie, 1994
  3. SPLAF
  4. INSEE
  5. Jean-Jacques Bedu: Francis Carco au cœur de la bohème. Éditions du Rocher 2001.

Ceanglaichean A-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.