Niwica
‘S e baile beag air an àirde an iar na Pòlainn a th’ ann an Niwica (IPA: niˈvitsa, Gearmailtis: Zibelle, Sòrbais: Cybalin). ‘S ann às an t-seann slàbhais Cebulja (Gàidhlig: Uinnean) leis an deireadh Sòrbais –in a thàinig seann ainm a’ bhaile[1] is chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1478 mar Tzebelle. Cha d’ fhuair e ainm Pòlais ach an dèidh an Dàrna Cogadh. Tha e suidhichte faisg air na crìochan leis A’ Ghearmailt, eadar Mieszków agus Chwaliszowice, ri taobh an Lochan (Pòlais: Staw) Niwica Dolna, anns an roinn Lubuskie. Tha am baile 429km air falbh bho Warsaw (Prìomh-bhaile na dùthcha), 394km bho Kraków, 320km bho Łódź agus 173km bho Phoznań.[2] Tha dìreach mu 380 duine a' fuireach anns a’ bhaile.
Niwica Zibelle | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | A' Phòlainn |
Ceàrn | Żary |
Sgìre | Lubuskie |
Co-chomharran | 51° 34 55' Tuath 14° 50′ 35 Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | mu 380 () |
Àireamh fòn | +48 68 |
Daoine ainmeil
- Chaochail an Ceimigear Walther Hermann Nernst (1864 – 1941, Duais Nobel ann an Ceimigeachd 1914) an seo.
Iomraidhean
- Paul Kühnel: Die slavischen Orts- und Flurnamen der Oberlausitz. Zentralantiquariat der Deutschen Demokratischen Republik, Leipzig 1982, S. 98 (Fotomechanischer Nachdruck der Originalausgabe (1891–1899)).
- Tip to GlobeTeamplaid:Fix/category
Ceanglaichean a-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.