Niţchidorf

‘S e baile agus sgìre dùthchasail air an àirde an iar Romàinia a th’ann an Niţchidorf, (Gearmailtis: Nytzkydorf, Ungairis: Niczkyfalva). Tha e suidhichte aig 132m os cionn ìre na mara anns an t-siorramachd (Ròmainis: Judeţ) Timiş, anns an sgìre còmhnard rèidh ris an canar Banat, aig astar dhe dìreach 30km bho Thimişoara agus 381km bho Bhucuresţi, prìomh-bhaile na dùthcha.[1] Tha 1,570 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1784 leis an Iarla Kristóf Nytzky.[2] ‘S e Gearmailtis an cànan a bha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Nitzkydorf gu ruige 1977, nuair a thoisich an deachdaire Nicolae Ceauşescu ri Gearmailtich a reic dhan Ghearmailt. ‘S e baile le mòr-chuid Romàinianach a th’ ann an latha an-diugh. Tha bun-sgoil, bùth a’ cheimigear, fiaclairean, dotairean, dotairean-caoraich, leabharlann agus trì eaglaisean anns a’ bhaile.[3] A bharrachd air Niţchidorf fhèin tha dà chlachain eile am broinn na sgìre, Blajova agus Duboz.

Niţchidorf
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Banat
Sgìre Timiş
Co-chomharran 45° 35’ Tuath
21° 32′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 64.13 km²
Àireamh-shluaigh 1,570 (2007)
Dlùths 24.48/km²
Àireamh fòn 256
Duilleag oifigeil http://www.primarianitchidorf.ro/

Daoine Ainmeil

Sluagh a’ bhaile

Atharrachaidhean Cinnidh ann an Nitzkydorf
Bliadhna Romàinianaich Gearmailtich Ungairich Roma Eile Gu Lèir
18801,0151,80319N/A242,861
19101,2262,12371N/A353,455
19411,0352,07829N/A153,157
19779561,13114-52,106
19921,4115921-641,555
20021,46519327611,584

Iomraidhean

  1. Distance Calculator
  2. Comhairle Thimiş
  3. Comhairle Thimiş

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.