Neale Hanvey
'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Neale Hanvey.
Neale Hanvey | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||||
12 dhen Dùbhlachd 2019 - 2 dhen Ògmhios 2020 Sgìre: Cair Chaladain agus Cowdenbeath Taghadh: Taghadh Phàrlamaid na Rioghachd Aonaichte 2019
2 dhen Ògmhios 2020 - 28 dhen Mhàrt 2021 Sgìre: Cair Chaladain agus Cowdenbeath
28 dhen Mhàrt 2021 - Sgìre: Cair Chaladain agus Cowdenbeath | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Beul Feirste, dhen Dùbhlachd 1964 | ||||||
Dùthaich |
![]() | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach |
Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba Pàrtaidh Alba |
Chaidh e sa' Phàrlamaid Westminster mar BhP ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba anns an taghadh coitcheann 2019 is e a' riochdachadh Cair Chaladain agus Cowdenbeath. Bha e na phàirt dhen sgioba slàinte aig an SNP eadar an Òg-mhios 2020 is am Màirt 2021 agus tha e na shuidhe air comataidh na slàinte is a' chùraim shòisealta.[1]
Connspaid
Ann an 2019, chaidh a chur à rèim rè ùine is am pàrtaidh a' rannsachadh rudan a sgrìobh e air Facebook is iad a' cleachdadh tròpaichean gràin an aghaidh Iùdhach. Bha e na shuidhe mar bhall pàrlamaid neo-eisimeileach[2] ach an dèidh dha a thilleadh gu SNP chaidh e agus Coinneach MacAsgaill sa' Phàrtaidh Alba anns a' Mhàirt 2021.[3]
Iomraidhean
- “Parliamentary career for Neale Hanvey - MPs and Lords”. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 6mh dhen Chèitean 2021.
- “Buaidh dha na Nàiseantaich na h-Alba”, Naidheachdan a' BhBC. 13mh dhen Dùbhlachd 2019. Air a thogail 6mh dhen Chèitean 2021.
- “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 6mh dhen Chèitean 2021.
Buill Pàrlamaid Westminster

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.