Na Tìrean Ìsle

'S e dùthaich anns an Roinn Eòrpa an iar a th’ anns na Tìrean Ìsle [1] (Duitsis: Nederland, IPA: ˈne:dərlɑnt); ainm eile: An Talamh Ìseal [2] neo An Isealtìr.[3] 'S e ball den Aonadh Eòrpach. Gu math tric canar an Òlaind seach na Tìrean Ìsle ris. Ach chan e an Òlaind ach dà sgìre de na Tìrean Ìsle.

'S e am pàirt Eòrpach de Rìoghachd nan Tìrean Ìsle, tha an còrr den Rìoghachd, na h-Eileanan Aintilia (Netherlands Antilles) agus Arùba, suidhichte anns a' Chairibìan san àirde thuath air a' Bheiniseala. Tha na Tìrean Ìsle suidhichte aig a' Chuan a Tuath, agus ri taobh an ear na Gearmailt agus ri taobh a deas na Beilge. Tha Amsterdam na phrìomh-bhaile.

Tha na Tìrean Ìsle cliùiteach air sgàth 's na muileann-gaoithe aca, càise, clogs (brògan à fiodh) tuiliop agus delftware (obair-criadha sònraichte). Tha na riaghailtean gu math libearalach, tha an dùthaich iomraiteach anns na laghan libearalach mu drugaichean, siùrsachd agus co-sheòrsachd.

Eachdraidh

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Bailtean mòra

Seo lista na bailtean as motha anns an Òlaind:[4]

Bailtean eile

Daoine ainmeil

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
  4. Monmgabay
Muileann-gaoithe agus tuiliop anns na Tìrean Ìsle
Delftware
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.