Na Stàitean Aonaichte

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Tuath a tha anns na Stàitean Aonaichte[1] neo ainm oifigeil: na Stàitean Aonaichte Aimeireaga (SAA)[2] (Beurla: "United States of America" no USA). Tha i na Poblachd cùmhnantach. Tha crìochan aice sa tuath le Canada agus sa deas le Meagsago. Tha 48 de na stàitean suidhichte eadar an Cuan Siar agus an Cuan Sèimh. Tha Alasca ann an iar-thuath na dùthcha le Canada san àirde an ear agus leis an Ruis san àirde an iar dhith. Tha Hawaii suidhichte anns a’ Chuan Shèimh.

Eachdraidh

Chaidh na Stàitean a stèidheachadh an ceathramh latha dhen t-Iuchar, 1776, nuair a thòisich ar-a-mach anns a' chiad 13 colonaidhean imrich aig Breatainn Mhòr ann an Ameireaga an aghaidh na Rìoghachd Aonaichte. B' e an "Ar-a-mach Ameireaganach" an t-ainm air an strì seo agus sheas i seachd bliadhna gu Còrdadh Pharas ann an 1783 nuair a dh'aithnich Breatainn Mhòr gun robh na Stàitean Aonaichte neo-eisimeileach. Ann an 1787, shoidhnig riochdairean às a h-uile tìrean bun-reachd ùr. Tha e na bun-reachd nan Stàitean fhathast san latha an diugh.

Bha cogadh eile an aghaidh Breatann ann an 1812. Bha na Stàitean Aonaichte neodrach anns a' chogaidhean Napoleonach is dh'iom-chuairtich na Breatannaich puirt anns an Fhraing. Cuideachd dh'fhuadaich an Rìoghachd Aonaichte maraichean Ameireaganach airson a' Chabhlachd Rìoghail. Thoisich an cogadh 18 Ògmhios 1812 is lunn na Stàitean Aonaichte air na ranntairean a chaidh na Chanada. Shoidhnig an Cùmhnant Ghent ann an 1815 is bha an t-suidheachadh mar a bha e ron chogadh a-mach air na tùsanaich. Shabaid cuid de na tùsanaich còmhla ri na Breatannaich is gheall na Breatannaich fearann agus neo-eisimeileachd. Cha do chum iad an gealladh seo is cha do sholair na Breatannaich armachd do na tùsanaich.[3]

Bhon àm ud tha an dùthaich a' fàs agus sgaoileadh tarsainn air Ameireaga a Tuath gu ìre far a bheil i a-nis cho mòr is nach eil ach dà dhùthaich anns an t-saoghal nas motha: an Ruis agus Canada.

Anns an 19mh linn bha guano cudromach mar thodhar is thuirt Achd Eileanan Ghuano gum b' urrainn do na Stàitean Aonaichte eileanan a ghlacadh airson guano fhaighinn.[4]

Nuair a thàinig daoine geala siar, do fearann na gnàth-mhuinntir Aimeireagach, bha cogaidhean leotha ann an 18 is 19 linn, mar eisimpleir Cogadh Nimíipuu. Dh'èignich an ùghdarras na gnàth-mhuinntire do tèarmannan tùsanach às dèidh seo. Thairis air ùine, fhuair a' ghnàth-mhuinntir coirean a-rithist: saoranachd ann an 1924,[5] flaitheas ann an 1934, agus saorsainnean chatharra gu lèir ann an 1968.[6]

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn, gus an do rinn Abraham Lincoln foirgheall saorsa nan tràill am measg a' Chogaidh Chathara Ameireaganaich.[7] Chaidh na daoine dubha a' bhòt agus na saorsainnean chatharra eile a cheadachadh ann an 1870 gu oifigeil, ach cha cho-èignicheadh gus an Iomairt Shaorsainn Chatharra anns na 1950an. Bha leas-breith ann an taigheadas, foghlam, agus obair.

Ann an 1920, fhuair na boireannaich a' bhòt, às dèidh iomairt nan Silent Sentinels. Thog boireannaich fianais a-muigh an taigh cinn-shuidhe (Beurla: White House) corr math 's aon is leth-bhliadhna. Chuir an ùghdarras mòran dhuibh ann an làimh, agus ghiùlain iad droch-ghrèidheadh ann am prìosan, mar eisimpleir biadhadh ri èignicheadh.[8]

Bha nan Stàitean an sàs a' Chogaidh Mhòir agus an Dàrna Chogaidh, airson na Caidreachais an dà àm. Às dèidh an Dàrna Chogaidh, bha iad cudromach anns an stèidheachadh nan Dùthchannan Aonaichte. Aig an aon àm, bha iad an sàs a' Chogaidh Fhuair an aghaidh na h-Aonachd Sobhiatach, anns an Cogadh Bhiet-Nam gu sònraichte. Bha cogaidhean-ionaid eile ann an Aimeireaga a Deas, Meadhan-Ameireaga is dùthchannan eile.[9]

Poileataigs

Tha dà phàrtaidh phoileataigeach a-nis, am Pàrtaidh Deamocratach is am Pàrtaidh Poblachdach. Bha Franklin D. Roosevelt, John F. Kennedy, agus Barack Obama nan cinn-shuidhe as ainmeil nan Deamocratach, agus bha Abraham Lincoln, Dwight D. Eisenhower, agus Ronald Reagan nan cinn-shuidhe as ainmeil nam Poblachdach. Bha taghadh ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann air 4mh an t-Sultain 2016, a chaidh a bhuannachadh le Donald Trump, dhan Pàrtaidh Poblachdach. Chaill e taghadh a' chinn-suidhe ann an 2020 is ann an 2021 thug e misneachd do luchd-taic a thug ionnsaigh air togalach a' Chapitol, far a bheil Pàrlamaid nan Stàitean Aonaichte is i a' dearbhadh gum bi Joe Biden an t-ath-cheann-suidhe. Chaochail ceathrar anns an fhòirneart[10] agus aonar eile an dèidh sin.[11]

Bailtean as motha

Seo liosta na bailtean as motha na dùthcha:[12]

Na Stàitean

Tha an USGS a' roinn ranntairean a tha fo uachdranas nan Stàitean Aonaichte ann an: stàitean agus sgìre Cholumbia, co-fhlaitheasan, ranntairean agus ionadan measgaichte eileanach no iomallach.[13]

Stàitean agus Sgìre Cholumbia

Co-fhlaitheasan

  • Puerto Rico
  • Co-fhlaitheas nan Eilean Mairianach a Tuath

Ranntairean

Stàitean co-cheangailte

Tha iad neo-eisimeileach ach tha na Stàitean Aonaichte gan dìon:[13]

  • Stàitean Feadarail nam Meanbh-eileanan
  • Poblachd nan Eilean Mharshall
  • Poblachd Phalabh

Na Lochan Móra

Iomraidhean

  1. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  2. Na Stàitean Aonaichte Aimearaga (SSA)”. Am Faclair Beag. Air a thogail 1d dhen Ghearran 2023.
  3. A Brief Overview of the War of 1812”. American Battlefield Trust. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2021.
  4. Guano Islands Act”. Norie Atlas. Taigh-tasgaidh Smithsonian. Air a thogail 21mh dhen Mhàrt 2023.
  5. McCool, Daniel, Susan M. Olson, agus Jennifer L. Robinson. Native Vote. Cambridge, Sasainn: Cambridge University Press, 2007. td. 1
  6. Robert J. McCarthy, Civil Rights in Tribal Courts; The Indian Bill of Rights at 30 Years, 34 IDAHO LAW REVIEW 465 (1998).
  7. The Emancipation Proclamation”. United States National Archives. Air a thogail 24mh dhen Chèitean 2020.
  8. Alice Paul’s “Silent Sentinel” Pin”. National Museum of American History. Air a thogail 12mh dhen Chèitean 2020.
  9. In Today’s Headlines, Echoes of Central America’s Proxy Wars of the 1980s”, New York Times. 27mh dhen Ghearran 2019. Air a thogail 24mh dhen Chèitean 2020. 
  10. Naidheachdan 11:00m”. 7mh dhen Fhaoilleach 2020. Air a thogail 8mh dhen Fhaoilleach 2020. 
  11. Evelyn, Kenya: Capitol attack: the five people who died”, The Guardian. 8mh dhen Fhaoilleach 2021. Air a thogail 13mh dhen Fhaoilleach 2020. 
  12. Frey, William H. (28mh dhen Dàmhair 2021): 2020 Census: Big cities grew and became more diverse, especially among their youth”. Brookings Institute. Air a thogail 8mh dhen Ghearran 2023.
  13. How are U.S. states, territories, and commonwealths designated in the Geographic Names Information System?”. United States Geological Survey. Air a thogail 21mh dhen Mhàrt 2023.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.