Myrhorod
'S e baile mòr eadar Poltava agus Kharkiv anns An Ucràin a th' ann am Myrhorod (Ucràinis: Ми́ргород, Pòlais: Mirgorod). Tha e suidhichte air an àirde an ear-thuath na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Khorol, san roinn Poltavska Oblast. Tha 41,793 duine a' fuireach ann.
Myrhorod Ми́ргород
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Poltavska Oblast | ||||
Sgìre | Myrhorodskyi Raion | ||||
Co-chomharran | 49° 58 00' Tuath 33° 36 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 19.0 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 41,793 (2021) | ||||
Dlùths | 2,199.63/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 5355 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Freumh-fhaclachd
'S ann à dà fhacal ann an Ucràinis 's a tha an t-ainm: мир (Gàidhlig: Sìthe) agus город (Gàidhlig: cathair).
Eachdraidh
Chaidh am baile a stèidheachadh uaireigin san 12mh Linn no 13mh Linn. Bhuinneadh e dhan A' Phòlainn agus Liotuàinia eadar 1471 agus 1667. Bha e na gharrasadan nan Cosagach san 17mh Linn. B' ann ann am Myrhorod far an d' fhuair am peantair Emmanuel Mané-Katz pàirt dhen fhoghlam aige ann an ealain.[1] Bha Myrhorod fo sgàile is fo bhuaidh nan Nàsach bho 1941 gu ruige 1943 Ann an 1991, thàinig e gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Eòlas-sluaigh
A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann am Myrhorod a' bruidhinn (88.26%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (11.34%).[2]
Daoine Ainmeil
- Volodymyr Borovikovsky (1725 - 1825). Peantair.
- Jakob Gordin (1853 - 1909). Sgrìobhadair.
- Boris Grekov (1882 - 1953). Eachdraiche.[3]
Bailtean Co-cheangailte
- Gorna Oryahovitsa
- Jēkabpils
- Rechytsa
- Zgorzelec