Murt Ghlinne Comhainn
Is e Murt Ghlinne Comhainn casgradh muinntir Ghlinne Comhainn air òrdachadh le riaghaltas Rìgh Uilleim III Shasainn (II na h-Alba) agus air a chur an gnìomh air an 13mh latha dhen Ghearran 1692, le saighdearan an riaghaltais fo Raibeart Caimbeul Ghleann Lìobhann, Iar-Chomanndair Gearastan Loch Abair agus saighdearan eile fo chomannd a' Mhàidseir Duncanson.
Is e an leisgeul a bh' aig Rùnaire na Stàite an Alba - Sir John Dalrymple of Stair - air a shon nach tug ceann-cinnidh Ghlinne Comhainn, Alasdair Mac Iain, bòid dìlseachd don rìgh ged a bha fios aige gun tug. Mar sin, cha deach fios a chur chun na Comhairle-Dhìomhair gun robh a mhionnan air a ghabhail le siorram Inbhir Aora. Fhuair Dalrymple ainm-sgrìobhte an rìgh agus sgrìobh e ann an litir gu Tòmas Mac an Lèigh, a bha na Cheannard air an Arm: 'S e obair mhòr seirce a tha ann a bhith diongmhalta - an fhine seo, as miosa anns a' Ghàidhealtachd air fad, a spìonadh às gu h-iomlan."
Dh'fhalbh saighdearan Caimbeulach fo chommand an riaghaltais gu ruige Gleann Comhann aig toiseach a' Ghearrain 1692, agus fhuair iad aoigheachd aig na Dòmhnallaich neo-amharasach anns a' ghleann. Dh'èirich na saighdearan sa chamhanaich agus thòisich iad air an luchd-aoigheachd aca a chur gu bàs - a h-uile neach fo aois 70. Mharbhadh 38 neach leis na saighdearan, ach chaidh aig a' chòrr air teicheadh ris a' mhonadh.[1]
Aideachadh an rìgh
Anns an 17mh linn, bha mòran strì air a' Ghàidhealtachd. As dèidh ar-a-mach Seumasach eile ann an 1689, bha an Riaghaltas a' feuchainn ri na Gàidheil a thoirt fo smachd. Air 27 Lùnastal 1691, "gheall an Riaghaltas gun dìonadh iad o chall a h-uile aon de na cinnidhean a bha air a bhith a' sabaid, nan toireadh iad ùmhlachd do Rìgh Uilleam III ron chiad là den Fhaoilleach, 1692." Bha reachd air a daingneachadh leis an Àrd-Chomhairle a rèir òrdagh an rìgh gum feumadh a h-uile ceann-feadhna sa Ghàidhealtachd an ùmhlachd do rìgh Uilleam aideachadh air an latha mu dheireadh den bhliadhna 1691, no roimhe sin, fo phèin teine is claidheamh.
Fhuair Iarla Bhràghad Albainn fichead mìle Punnd Sasannach on Àrd-Chomhairle gus a roinn am measg nan ceann-feadhna, agus an ùmhlachd don Rìgh ùr, Uilleam III, a cheannach. Chuir e fios ge-tà gu Mac Iain gun robh e a' cumail aige fhèin a' chuid dhen airgead a bhuineadh dha airson pàigheadh na creich a ghiùlain Gleann Comhann 's a dhaoine air falbh thar fearann an Iarla greis roimhe. Dh'fheumadh Mac Iain an rìgh aideachadh mar a rinn na cinn-fheadhna a fhuair an t-airgead.
Dh'fheith ceann-cinnidh Ghlinne Comhainn gu deireadh na bliadhna, ach thug a h-uile ceann-feadhna ùmhlachd don reachd seo ron àm shuidhichte leis gun d' fhuair iad fios o Rìgh Seumas, air fhògradh san Fhraing, gun robh e deònaichte dhaibh sin a dhèanamh. Nuair a dh'aithnich esan gun robh e na aonar, chaidh e fhèin gu Gearasdan Inbhir Lòchaidh, gus ùmhlachd a thoirt do cheannard an daingnich sin. Dh'innis an ceannard sin nach robh ùghdarras aigesan gus siud a ghabhail, agus gum feumadh e dhol gu Siorram Inbhir Aora, airson an gnothach sòlaimte ud fhaighinn dèanta. Leugh Mac Iain an t-eagal agus ged a bha e na sheann duine 's an talamh còmhdaichte le àirde nan craobh de shneachda, ghreas e chun an t-Siorraim. Bha an ceann-latha air dhol seachad aon latha, ach ghabh an Siorram ùmhlachd an duine, 's thuirt e ris gun sgrìobhadh esan chun na Comhairle-Dhìomhair a mhìneachadh adhbhar na maille, 's nach b' eagal do Mhac Iain.
Chaidh Mac Ian dhachaigh 's chaidh litir an t-Siorraim a Dhùn Èideann; ach chleith Dalrymple air a' Chomhairle i, agus cha robh dearbhadh sam bith air gun do dh'ùmhlaich Mac Iain e fhèin.Chuir Dalrymple agus an t-Iarla a' bhreug fa chomhair an rìgh 's fhuair iad ùghdarras am peanas a chur an gnìomh. A bharrachd air muinntir a' ghlinne a mhurt agus an dachaighean a chur nan teine, thug na saighdearan leotha na ghabhadh iomain agus giùlan de chreich - 900 bò, ceithir ceud each, agus caoraich is gobhair gun àireamh. Anns a' chasgradh a bh' ann, thàrr dithis mhac 'ic Iain lem beatha.[2]
Iomraidhean
- MacAonghais, Alasdair (1999): “Murt Ghlinne Comhainn (1692)”, Tron Bhogha-Froise Sgeulachdan is Bàrdachd. An t-Eilean Sgitheanach: Cànan Ltd, td. 55 - 61. ISBN 1-897873-64-6.
- MacCoinnich, Angus [1867] (1867): “Uilleam III agus Màiri”, Eachdraidh na h-Alba. Glaschu: G. Mac-Na-Ceardadh, td. 333 - 334.