Murcia (provincia)
'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha ann Murcia (IPA: murθja). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Murcia a th'ann prìomh-bhaile na roinne agus tha port-adhair ann siud cuideachd.[1] Tha Murcia aon-roinneil. 'S e Murcia an 9mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 11,313 cilemeatair ceàrnagach, 2.9% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2010 bha 1,461,979 duine de shluagh ann,[2] le dluths aig àireamh 129 duine gach km². ‘S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn ann an Murcia. Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Asambleas Regional de Murcia. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Righlaidh aige.[3]
Murcia
| |||||
![]() | |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Murcia City (en) ![]() | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 11,313 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,461,979 (2014) | ||||
Dlùths | 129.23/km² | ||||
Àireamh fòn | + (968) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
Freumhan an ainm
‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir ach tha a' mhòr-chuid nan luchd-rannschaidh dhen bheach gur ann à facal air choireigin ann an Laideann fo riochd Arabais.[4] Tha a h-uile coltas ann gur ann à myrtus (Gàidhlig: miortal) a tha e.[5] Tha cuid eile a' cantainn gur ann à Myrtea no Murtea (Gàidhlig: miortlach) a tha an t-ainm. Thuirt Gaius Plinius gu robh miortlach mòran na bu chumanta an seo na ann an àite sam bi eile san Spàinn. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Ceangal a-muigh
Iomraidhean
- Aeropuertos de Murcia
- Cunntas-sluaigh na Spàinne
- Asamblea Regional de Murcia
- La Verdad
- Discursos Histórico de la Muy Noble y Muy Leal Ciudad de Murcia, Francisco Cascales Editorial MAXTOR, 2007

Andalusia •
Aragón •
Asturias •
Na h-Eileanan Balèarach •
Na h-Eileanan Canàrach •
Cantàbria •
Castilla-La Mancha •
Castilla y León •
Catalòinia •
Co-chomann València •
Dùthaich nam Basgach •
Extremadura •
A' Ghàilis •
Madrid •
Melilla •
Murcia •
Nafarroa •
La Rioja •
Ceuta