Muraisc
'S e Baranachd air an àirde an iar-thuath Chontae Maigh Eo ann an Èirinn a th' ann am Muraisc. Tha Baile Uí Fhiacháin na phrìomh-bhaile. Tha Gaeltacht ann cuideachd. 'S e tè dhe naoi baranachdan ann an Contae Mhaigh Eo a th' innte.
Eachdraidh
Anns an 13mh Linn bhuineadh an talamh air gach taobh a' Chuan Mó do rìoghachd bheag air an robh Umaill. Tha an talamh seo a-nis air a roinn eadar Muraisc agus Buiríos Umhaill fhèin - ainmeachadh an dèidh na rìoghachd bhige sin.[1] B' ann leis an teaghlach Ó Máille a bha làmh an uachdar ann an Umaill. Thog Aodh Ó Máille abaid an seo ann an 1457 air an talamh a thug Tadhg Ó Máille air a shon. Thaghadh an t-àite leis gu robh e faisg air Cruach Phàdraig. Dhùnadh an abaid aig àm An Ath-Leasachaidh san 16mh Linn. Tha an togalach na thobhta a-nis, ach lean i oirre gu ruige 1577.[2]
Bailtean mòra
- Cathair na Mart, Cluain Cearbán
Bailtean Eile
- Bun Abhann, Bun Dorcha
- Ceathrú an Uisce
- Doire an Chaoith, Delphi
- Imleach
- Lainn Mhór, Leac an Anfa
- Oireamh
- An Nuachabháil
- Tamhnaigh Ard
Cruinn-eòlas
- Abhainn Oirimh
- Binn an Charragáin, An Bhinn Ghorm
- Cruach Phádraig, Cuan Mó, An Caoláire Rua, Cnoc Maol Réidh
- Dúloch
- Fionnloch
- Loch an Mhothair, Loch Coinnile, Loch Ghleann Cuillinn, Loch Ghleann an Bhua
- Oileán Chliara, Oileán na Cathrach, Inis Toirc, Inis Deala
Iomraidhean
- The History of Mayo, 303, Hubert T. Knox, 1908.
- About Mayo