Muir na h-Innis-Mhara

'S e muir ann an ceann a tuath na Roinn-Eòrpa a th' ann am Muir na h-Innis-Mhara (Suainis: Skärgårdshavet, Suomais: Saaristomeri).[1] Tha e suidhichte eadar Åland agus Suomaidh fhèin, agus 's e ceangal mara eadar an Camas Boitnia, Camas Suomaidh agus an corr dhen Bhaltach a th' ann.[2] Tha Muir na h-Innis-Mhara 240km² air fad, agus eadar 80km agus 120km a dh'fhaide. Chan eil Muir na h-Innis-Mhara idir domhain no saillte, ach 's e àite gu math gaothach a th' ann.[3] Tha mu 17,700 eileanan san innis-mhuir, a' gabhail a-steach gach sgeir a tha a' stobadh a-mach às an uisge. Tha àireamhan nan eilean a' sìor-fhàs air sàilleabh gu bheil an talamh a' streap 10mm gach bliadhna.[4]

Muir na h-Innis-Mhara
Suidheachadh
Ainm dùthchail Saaristomeri/Skärgårdshavet
Seòrsa Caol
Farsaingeachd 8,300km²
Fad 240km
Leud 80km - 120km
Mòr-roinn Roinn-Eòrpa
Dùthaich Åland
Suòmaidh
Làrach-lìn Ymparistoministerio

Bailtean

Iomraidhean

  1. NE
  2. SMHI
  3. Windfinder
  4. Saarten ja Vetten Maa
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.