Monaco
Is e rìoghachd agus stàit-bhaile ann an iar dheas na Roinn-Eòrpa a tha ann am Monaco (Fraingis: Principauté de Monaco).[1][2] Tha i suidhichte eadar am Muir Meadhanach agus an Fhraing, faisg air an Eadailt.
Tha an àireamh as motha san t-saoghal de dhaoine a' fuireach ann an gach km² aig Monaco.
Tha Monaco ainmeil airson na daoine beartach a tha a’ fuireach ann, seach 's nach fheum iad cìsean cosnaidh a phàigheadh. Tha roinn Monte Carlo cliùiteach airson na casinothan aice, agus cuideachd airson Grand Prix Mhonaco, rèis nan càraichean Foirmle a h-Aon.
Iomradh
- Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- Am Faclair Beag
Ceanglaichean a-mach
- Duilleag oifigeil – Prince's Palace of Monaco
- Eachdraidh Mhonaco
- Duilleag oifigeil Ionad Turasachd
- MonacoRevue.com – Iris san eadar-lìon mu na daoine is an dòigh beatha ann am Monaco
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.