Meg Bateman
Tha Vivienne Mairead 'Meg' Bateman (13 an Giblean 1959[1]) na bana-bhàrd is neach-acadaimigeach.
Meg Bateman | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Dùn Èideann, 13 dhen Ghiblean 1959 |
Dùthaich | Alba |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Obar Dheathain |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | eadar-theangair agus sgrìobhadair |
Fastaichean |
Oilthigh Dhùn Èideann Oilthigh Chill Rìmhinn |
Gnè ealain | bàrdachd |
Rugadh Bateman ann an Dùn Èideann. Rinn i ceum na Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain is chrìochnaich i ollamhachd air bàrdachd chreidmheach Ghàidhlig. An uair sin, theagaisg i aig Oilthigh Dhùn Èideann is Oilthigh Obar Dheathain. Nochd a cuid bàrdachd ann an iomadh duanaire, mar eisimpleir Other Tongues (1990) agus Twenty of the Best (1990). Tha i air eadar-theangachadh bàrdachd Gàidhlig ann am Beurla ann an Anthology of Scottish Women Poets (1991) agus Creachadh na Clàrsaiche (1993). Chaidh a' chiad chruinneachadh le tionndaidhean Beurla aice fhoillseachadh ann an 1997, Aotramachd is dàin eile, a' dèiligeadh ri breòiteachd a' ghaoil is dhàimhean daonna. Tha i ag obair mar òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach agus mar phrìomh òraidiche urramach aig Oilthigh Chill Rìmhinn. Bhuilich Oilthigh na Gàidhealtachd an tiotal “proifeasair” oirre ann an 2015.
Bàrdachd
- 1990. Orain Ghaoil
- 1997. Aotromachd agus Dàin Eile
- 2007. Soirbheas
- 2013. Transparencies[2]
Sgeulachdan Goirid
- 2011. Chanadh Gun Do Chuir i Às Dha ann an SAORSA: sgeulachdan goirid Ùr-Sgeul Inbhir Nis: CLÀR, Ùr-Sgeul, 2011, dd.141-144.
Artaigilean Sgoilearach ann am Beurla
- Bateman, Meg 'The Bard and the Birlinn' ann an Camille Dressler & D. W. Stiùbhart (deas.) Alexander MacDonald: Bard of the Gaelic Enlightenment / Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Bàrd an t-Soillearachaidh Ghàidhealach Kershader, Isle of Lewis: Islands Book Trust, 2012, dd.74-84.
Leabhar ann am Beurla
Meg Bateman and John Purser, ‘Window to the West: Culture and Environment in the Scottish Gàidhealtachd’, 2020, (pdf, 960td, 206MB)
Ceanglaichean a-mach
Iomraidhean
- Thomson, Derick S. 1994. The Companion to Gaelic Scotland (Glasgow: Gairm), 21.
- "Meg Bateman." Scottish Poetry Library. Scottish Poetry Library. 2014. Eadar-lìon. 30 Sept., 2014.