Meadhan-aoisean
B’ iad na Meadhan-aoisean anns an Roinn-Eòrpa na linntean eadar tuiteam na h-Ìmpireachd Ròmanaiche agus an t-ath-bheòthachadh san Eadailt.

Caisteal, Monte San Giovanni Campano, An Eadailt
Aig an àm seo thàinig Crìostaidheachd agus na Lochlannaich gu ranntairean far a bheil Alba an-diugh. Chaidh Rìoghachd na h-Alba a stèidheachadh. Bha strì eadar rìghrean na h-Alba agus rìghrean Shasainn mu dheas, agus eadar rìghrean na h-Alba agus iarlan Arcaibh is Tighearnan nan Eilean mu thuath. Thàinig baranan às an Fhraing agus thug an Rìgh fearann dhaibh. Chaidh borghan a stèidheachadh air feadh na Galldachd ach is gann borghan air a' Ghàidhealtachd.[1]
Iomraidhean
- “The Medieval Highlands”. Clàr Àrainneachd Eachdraidheil na Gàidhealtachd. Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 7mh dhen t-Samhain 2023.
Ceanglaichean a-mach
- “Caistealan - Caistealan - Àrd Ìre Gàidhlig Revision”. BBC Bitesize. Air a thogail 7mh dhen t-Samhain 2023.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.