Martinique
'S e eilean agus pàirt dhen Fhraing anns an Roinn Charaibeach a tha ann am Martinique. Tha e suidhichte anns na h-Eileanan Aintilia Beaga. Tha iad a' cleachdadh an Euro.
Cheannsaich an Fhraing Martinique fo Louis XIII is b' e eaconamaidh stèidhichte air tràilleachd a bha ann. Chaidh na h-Iùdhaich fhuadachadh is Caitligeachd na chreideamh nan tràillean fo Chòd Dubh Louis XIV ann an 1684. Chuireadh às do thràilleachd ann an 1848.[1]
Coltach ri Guadeloupe, 's e co-roinn tìreach (Fraingis: collectivité territoriale unique) le cumhachdan de roinn agus départment a tha ann am Martinique.[2] Tha ceithir arrondissements, Fort-de-France, La Trinité, Le Marin agus Saint-Pierre ann.[3]
Ceangal a-mach
- Martinique Tourism Authority - Duilleag oifigeil Ionad Turasachd

Martinique

Craobh chnò-chòco ann am Martinique
Iomraidhean
- “Martinique in a nutshell”. Ministreachd Cultar na Frainge. Air a thogail 9mh dhen Ghearran 2023.
- “Collectivités territoriales à statut particulier” (Fraingis). Institut national de la statistique et des études économiques.
- “Département de la Martinique (972)” (Fraingis). Institut national de la statistique et des études économiques. Air a thogail 9mh dhen Ghearran 2023.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.